Dragh mu phrìsean gas Steòrnabhagh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Scottish Gas a' dol às àicheadh gu bheil luchd-cleachdaidh a' pàigheadh cus

20 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh Scottish Gas às àicheadh gu bheil suas ri mìle neach ann an Steòrnabhagh air a bhith a' pàigheadh cus airson gas.

Bha ball-pàrlamaid na sgìre air cur às leth na companaidh gun robh iad air riaghailtean Ofgem a bhriseadh, le a bhith a' diùiltadh an taraif as ìsle aca a thoirt do dhaoine sa bhaile.

Tha Aonghas Brianan MacNèill den bheachd gu bheil luchd-cleachdaidh ann an Steòrnabhagh air a bhith a' pàigheadh eadar sia ceud agus naoi ceud not a bharrachd gach bliadhna an coimeas ri daoine air Tìr Mòr.

Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach