Fireannach a bhàsaich an teine am Barraigh air ainmeachadh

  • 20 Am Màrt 2017
Poilis

Dh'ainmich na poileis fireannach a bhàsaich ann an teine dachaigh ann am Barraigh Dihaoine sa chaidh.

B' e Iosaph MacNèill, a bha 51 bliadhna a dh'aois.

Cha deach duine sam bith eile a ghoirteachadh anns an teine.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean-èiginneach mu 06:25m Dihaoine mu theine aig taigh air St Barr's Crescent.

Fhuair luchd-smàlaidh smachd air an teine.

Tha rannsachadh le Polais na h-Alba agus an t-seirbheis smàlaidh a' feuchainn ri dearbhadh de dh'adbhraich an teine.

Tuilleadh air an sgeulachd seo