Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Làbaraich

Thuirt Leas-Cheannard nan Làbarach, Tom Watson, gu bheil luchd-taic na làimhe clì aig Jeremy Corbyn ri cuilbheart airson smachd maireannach a ghabhail air a' phàrtaidh. Bha esan a' freagairt aithrisean gu bheil an t-aonadh Unite an sàs ann am plana dìomhair airson taic-airgid a thoirt dhan bhuidhinn iomairt Momentum a tha a' taobhadh ri Mgr Corbyn. Tha Unite a' dol às àicheadh sin.

Brexit

Tha Theresa May, agus Rùnaire Brexit Dàibhidh Davis, anns a' Chuimrigh an-diugh far a bheil iad a' bruidhinn ri Prìomh Mhinistear na Cuimrigh, Carwyn Jones mun ullachadh airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach. Thuirt ceannard Plaid Cymru, Lianne Wood, nach eil am Prìomhaire ag èisteachd ri riaghaltasan na Cuimrigh 's na h-Alba a th' airson fuireach sa Mhargaidh Shingilte.

Gas Steòrnabhaigh

Thuirt Scottish Gas gu bheil iad a' rannsachadh aithrisean gu bheil luchd-cleachdaidh ann an Steòrnabhagh air a bhith a' pàigheadh fada a bharrachd air na bu chòir dhaibh. Tha Ball-Pàrlamaid na sgìre aig Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, a' cumail a-mach gun do bhris Scottish Gas riaghailtean Ofgem le bhith a' diùltadh an taraif as lugha, agus gu bheil mu 1,000 de luchd-cleachdaidh ann an Steòrnabhagh air eadar £600,000 agus £1m a bharrachd air na bu chòir dhaibh a phàigheadh airson a' ghas.

Coimisean na Croitearachd

Thuirt riochdaire ùr nan Eilean Siar air Coimisean na Croitearachd gu bheil cho faisg 's a bha a' bhòt a' sealltainn gu bheil feum air dà choimiseanair anns an sgìre. Cha robh ach deich bhòtaichean eadar Iain MacÌomhair à Leòdhas agus Alasdair MacEachairne à Beinn nam Fadhla. Tha Mgr MacÌomhair ag ràdh a-niste gum feum an Coimisean gluasad air adhart, agus cùl a chur ris a' chonnspaid a th' air a bhith ann.

Aimeireaga

Bidh Còmhdhail nan Stàitean Aonaichte a' ceasnachadh stiùiriche an FBI, Seumas Comey, an-diugh mu aithrisean gun do ghabh an Ruis gnothach ri taghadh a' Chinn Suidhe. Tha buidhnean tèarainteachd nan Stàitean Aonaichte den bheachd gun do dh'fheuch an Ruis ri cuideachadh a thoirt dhan Cheann-Suidhe Trump na iomairt an aghaidh Hillary Clinton.