"Feum air dithis choimiseanairean"

  • 20 Am Màrt 2017
Croitean

Thuirt riochdaire ùr nan Eilean Siar air Coimisean na Croitearachd gun do sheall cho faisg 's a bha a' bhòt eadar e fhèin agus tagraiche eile gu bheil feum air dithis choimiseanairean san sgìre.

Cha robh ach deich bhòtaichean eadar Iain MacÌomhair à Leòdhas, is Alasdair MacEachairne à Beinn nam Fadhla san taghadh.

"Tha mi a' faireachdainn toilichte gu bheil an rud seachad," thuirt Mgr MacÌomhair.

"Tha mi toilichte leis an taic a fhuair mi, agus tha mi cuideachd toilichte gun robh a' bhòt cho faisg, bhon tha e a' dearbhadh cho cudromach 's a tha e gum bu chòir dha dà bhall a bhith ann bho na h-Eileanan an Iar.

"Agus chan e dhà airson nan Eileanan an Iar air fad, ach aon dha na h-Uibhistean agus aon dha Leòdhas is na Hearadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gun do neartaich mar a chaidh a' bhòt an-diugh an argamaid airson sin," thuirt e.

Thuirt Mgr MacÌomhair cuideachd gum feum an Coimisean a-nise gluasad air adhart bhon chonnspaid a tha air a bhith gan cuairteachadh.

"Rud a tha fios againn air, mar a chaidh dèiligeadh ris, nach robh e ceart no cothromach," thuirt e

"Ach 's ann a' coimhead romhainn tha mi a' smaoineachadh a bu chòir dhuinn a bhith, an àite a bhith a' coimhead air ais, agus a bhith a' dèanamh cinnteach nach tig suidheachadh den t-seòrsa seo chun an uachdair, gu bheil dòighean ann air cùisean a rèiteach gun an còmhstrì agus an cron agus an goirteachadh a choisinn e.

"Bhithinn glè dhuilich nam biodh an Coimisean a' gabhail pàirt ann an càil den t-seòrsa sin anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

"Tha obair mhòr aig a' Choimisean tha mi a' smaoineachadh, a' sealltainn do dhaoine dè na còirichean a th' aca, dè mar a bu chòir dhaibh a bhith a' cleachdadh nan cothroman agus nan còirichean a th' aca mar chroitearan - ach na h-uallaichean a th' orra cuideachd.

"A' chàil as cudromaiche a th' ann, gu bheil coimhearsnachd ann an sìth le chèile, a' tarraing air an aon ràmh, gus an tèid croitearachd air ais gu ìre far a bheil daoine a' faicinn an luach 's nam buanachdan a tha ann a bhith a' cuideachadh chroitearan ann an sgìrean iomallach," thuirt e.