Steòrnabhagh "a' pàigheadh cus air gas"

  • 20 Am Màrt 2017
Gas

Dh'fhaodadh gu bheil suas ri mìle duine ann an Steòrnabhagh air a bhith a' pàigheadh tuilleadh 's a chòrr airson gas.

A rèir BhP na sgìre, Aonghas Brianan MacNèill, bhris Scottish Gas riaghailtean Ofgem le a bhith a' diùltadh an taraif as ìsle aca a thabhainn air luchd-cleachdaidh sa bhaile.

Tha Mgr MacNèill ag ràdh gum bu chòir dhan chompanaidh airgead-dìolaidh a thoirt seachad.

"Tha e coltach nach robh Scottish Gas a' tairgsinn na h-ìre a b' ìsle a bh' aca de na taraifean a dh'fhaodadh daoine fhaighinn, 's iad a' cur leisgeul seachad gun robh suidheachadh diofrach anns na h-Eileanan an Iar agus an Steòrnabhagh, air sàilleabh gun robh e fad às, gun robh iad a' tarraing gas a-steach dhan àite," thuirt e.

"Tha mu 1,000 duine air lìonra a' ghas ann an Steòrnabhagh, agus dh'fhaoidte gun robh iad a' pàigheadh £600 a bharrachd sa bhliadhna, 's cuid eile nas àirde na sin.

"Tha sin a' ciallachadh gun robh £600,000 - £1m air a tharraing a-mach à pocaidean dhaoine ann an Steòrnabhagh le Scottish Gas thar co-dhiù trì bliadhnaichean - mura robh 20 bliadhna ron seo," thuirt e.

Taraif nas saoire

Ann am brath-naidheachd, thuirt Scottish Gas gu bheil "còrr is 350 den luchd-cleachdaidh aca ann an Steòrnabhagh air gluasad gu taraif eile 'son brath a ghabhail air aonta eadar-dhealaichte.

Agus thuirt iad, ri linn sin, "nach eil fìrinn sam bith sna casaidean gun robh suas ri 1,000 neach-cleachdaidh air barrachd a phàigheadh ri linn 's gun deach bacadh a chur orra gluasad."

Thuirt iad "gum bi sinn a' sgrìobhadh gu tric do luchd-cleachdaidh Scottish Gas air fad a dh'innse dhaibh ma tha taraif nas saoire ri fhaighinn."

"Tha sinn ag innse a-rithist do na sgiobaidhean againn ann an ionadan-fiosrachaidh dè a' chomhairle cheart a bhiodh ann do luchd-cleachdadh ann an Steòrnabhagh a tha airson gluasad."