Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Neo-eisimeileachd

Thug iar-cheannard an SNP, Aonghas Robasdan, rabhadh dhan Phrìomhaire, Theresa May, nach bu chòir dhi seasamh an aghaidh deamocrasaidh na h-Alba. A' fosgladh co-labhairt Earraich a' phàrtaidh ann an Obar Dheathain anns an leth-uair a dh'fhalbh, thuirt e gu bheil an t-eagal air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte bhòt eile a chumail air neo-eisimeileachd na h-Alba mus bi còmhraidhean Brexit seachad. Thuirt e aig a' cheart àm gun tachair bhòt eile air a' cheist, agus nach bu chòir dhan Riaghaltas seasamh na h-aghaidh.

Taghadh Choimisean na Croitearachd

Thathas air tòiseachadh air bhòtaichean a chunntadh ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh airson taghaidhean Choimisean na Croitearachd. Thèid sianar a thaghadh an-diugh airson a bhith a' riochdachadh sgìrean croitearachd air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Bidh an aire as motha air roinn Iar-Dheas na Gàidhealtachd, far a bheil Fear-Gairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach, a' seasamh a-rithist. Tha Mgr Ceannadach air a bhith an teis-meadhain na connspaid a th' air a bhith a' cuairteachadh a' Choimisein airson còrr air bliadhna a-nis.

Teine am Barraigh

Tha an t-seirbheis smàlaidh air a bhith a' dèiligeadh tron mhadainn le teine ann am Barraigh. Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 06:15m an-diugh chun an taighe anns a' Bhàgh a Tuath. Tha aon einnsein smàlaidh aig an làraich, ach chan eil dearbhadh sam bith aig an ìre seo an robh duine am broinn an taighe.

Coirea a Tuath

Thuirt Rùnaire na Dùthcha anns na Stàitean Aonaichte, Rex Tillerson, gu bheil Aimeireaga a' deisealachadh dhòighean ùra airson dèiligeadh le bagarachd Choirea a Tuath, nam measg sin beachdachadh air freagairt armaichte. An dèidh dha a bhith a' tadhal air an sgìre eadar Coirea a Tuath is Coirea a Deas thuirt e gun robh an tìde airson "foighdinn ro-innleachdail" seachad. Bha e a' bruidhinn agus Coirea a Tuath air grunn dheuchainnean armaichte a dhèanamh bho chionn ghoirid.

Tuath-gaoithe

Chaidh cead a thoirt seachad madainn an-diugh do phròiseact ghaoithe aig muir far chosta Ghallaibh. Bidh dìreach dà chrann anns a' phròiseact, faisg air Dùnrath, agus bidh na crainn a' fleòdradh air uachdar na mara. Tha e coltach gun cruthaich am pròiseact cumhachd gu leòr airson an dealan a chumail ri 60,000 dachaigh uile gu lèir.

Merkel is Trump

Coinnichidh Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, airson a' chiad uair, ri Ceann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte, Dòmhnall Trump, aig an Taigh Gheal feasgar. Tha Mgr Trump air a bhith a' càineadh co-dhùnaidh a' Bh-Ph. Merkel na mìltean de luchd-siridh comraich a leigeil a-steach dhan dùthaich aice.