Ceist a' Cheannadaich mu bhòt a' Choimisein

  • 17 Am Màrt 2017
Cailean Ceannadach
Image caption Cailean Ceannadach a' bruidhinn às dèidh chunntadh nam bhòtaichean ann an Steòrnabhagh.

Thuirt Cailean Ceannadach gu bheil ceistean mòra air mun dòigh san deach taghadh Choimisein na Croitearachd a làimhseachadh.

Thuirt e cuideachd gun deach fiosrachadh mu shuidheachadh Choimisean na Croitearachd a chleith, is gum bu chòir do Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùtchail, Fearghas Ewing, beachdachadh air a dhreuchd fhàgail.

Chaidh Comhairle nan Eilean Siar, a bha a' ruith an taghaidh, gu làidir às àicheadh nan casaidean.

Bha Mgr Ceannadach na fhear-gairm air a' Choimisean agus aig teis-mheadhan na connspaid a tha air a bhith a' cuairteachadh na buidhne anns na mìosan a chaidh seachad.

'S e an aon choimiseanar taghte a bha a' seasamh a-rithist, ach air a' cheann thall 's e Billy Neilson a bhuannaich ann an Roinn Iar-Dheas na Gàidhealtachd.

Cha robh ach dà bhòt eadar Mgr Neilson is Mgr Ceannadach air a' cheann thall, is an Ceannadach gu dearbh air thoiseach a' dol a-steach dhan cheathramh ìre den bhòt.

Làmh an uachdair

Thionndaidh an gnothach às dèidh mar a chaidh Catriona NicFhionghuin à Both Chunndainn a chur a-mach, is Mgr Neilson an uairsin a' faighinn làmh an uachdair.

Bha Both Chunndainn am measg àiteachan far an robh buaireadh ann eadar Coimisean na Croitearachd is comataidhean ionaltraidh.

Ann an agallamh leis a' BhBC, thuirt Cailean Ceannadach gu bheil dragh mòr air mun taghadh.

Thuirt e gum fac' e grunn phàipearan bhòtaidh bhon sgìre taghaidh aige nach tàinig a Steòrnabhagh sa phost, is gun deach innse dha gun deach na bhotaichean a thoirt a-steach gu oifisean na Comhairle fhèin.

"San sgìre againne, bhiodh feum aig daoine air pleana no bàta a chleachdadh 'son Steòrnabhagh a ruighinn", thuirt Mgr Ceannadach.

Ceistean

"Tha ceistean mòra orm an tàinig na daoine an seo ann an da-rìribh 'son na bhòtaichean a thoirt seachad iad fhèin.

"Tha mi a' faireachdainn gum faodadh adhbhar a bhith ann ceist a thogail mu thoradh na bhòt", thuirt e.

Dh'innis Mgr Ceannadach gun gabh e comhairle a-nise mun ath-cheum a bhios aige.

'S iad Comhairle nan Eilean Siar a bha os cionn an taghaidh.

Thuirt an oifigear taghaidh, Derek MacAoidh, gun robh e den bheachd gun deach an taghadh a làimhseachadh san dòigh cheart agus a rèir an reachdais a th' ann.

Brìgh

Thuirt am fear a bhuannaich ann an Iar-Dheas na Gàidhealtachd, Billy Neilson, nach robh brìgh no susbaint ann an casaidean Mhgr Cheannadaich.

Thug Mgr Ceannadach seachad a bheachd cuideachd air a' chonnspaid mun Choimisean.

Thuirt e gun deach fiosrachadh a chleith aig ìre Riaghaltais, is nam biodh e fhèin ann an suidheachadh Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùtchail, Fearghas Ewing, gum biodh e a' beachdachadh air a dhreuchd fhàgail.

Bu chòir dhan Riaghaltas gnothaichean a' Choimisein a rannsachadh, thuirt e.

Ann am brath sgrìobhte, thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheileas air iarraidh air an Àrd-Oifigear ùr plana gnìomh ullachadh cho luath 's a ghabhas a bheir air adhart leasachadh air riaghladh Choimisean na Croitearachd mar a chaidh a mhìneachadh bho chionn ghoirid ann an Ath-sgrùdadh Riaghlaidh Choimisean na Croitearachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile