Cailean Ceannadach a-mach

  • 17 Am Màrt 2017
Cunntadh nam Bhòtaichean
Image caption Tha cunntadh nam bhòtaichean air tòiseachadh ann an Steòrnabhagh.

Cha do shoirbhich le Cailean Ceannadach àite fhaighinn air bòrd ùr Choimisein na Croitearachd.

'S e Mgr Ceannadach, a bha aig teis-mheadhan na connspaid taobh a-staigh a' Choimisein mar Fhear-Ghairm anns na mìosan a chaidh, an aon choimiseanar taghte a bha a' seasamh a-rithist.

'S e Billy Neilson a chaidh a thaghadh air a' cheann thall ann an Iar-Dheas na Gàidhealtachd.

Cha robh ach dà bhòt eadar Mgr Neilson is Mgr Ceannadach, 201 gu 199, aig a' cheathramh ìre den bhòt.

Anns na h-Eileanan an Iar, 's e Iain MacÌomhair a chaidh a thaghadh.

Fhuair MacÌomhair 1,069 bhòt, is Alasdair MacEachairne le 1,059.

Shoirbhich le Rod MacCoinnich ann an Roinn Taobh Sear na Gàidhealtachd, is Màiri NicCoinnich ann an Roinn Taobh Siar na Gàidhealtachd

Cha robh taghadh a dhìth ann an Roinn Shealtainn, is Andy Holt an aon thagraiche a bh' ann.

Sin mar a bha cuideachd ann an Roinn Arcaibh agus Ghallaibh, far an deach Cyril Annal a thaghadh.

Tha na coimiseanaran ùra mar a leanas;

Na h-Eileanan an Iar - Iain MacÌomhair

Iar-Dheas na Gàidhealtachd - Billy Neilson

Taobh Sear na Gàidhealtachd - Rod MacCoinnich

Taobh Siar na Gàidhealtachd - Màiri NicCoinnich

Sealtainn - Andy Holt

Arcaibh agus Gallaibh - Cyril Annal.