Cead do leasachadh Ghallaibh

  • 17 Am Màrt 2017
Na Cruinn Image copyright Hexicon AB

Thug Riaghaltas na h-Alba cead do phròiseict gaoithe aig muir far chosta Ghallaibh.

'S e a' chompanaidh Shuaineach Hexicon AB a tha air cùl nam planaichean, is iad air fo-chompanaidh air a bheil Dounreay Tri a stèidheachadh gus a stiùireadh.

Bha Comhairle na Gàidhealtachd mar thà air cead a thoirt seachad.

Cha bhi ach dà chrann san leasachadh, sia mìle far chosta Dhùnrath, agus bidh iad a' fleòdradh air uachdar na mara.

Tha e coltach gun cruthaich a' phròiseict cumhachd gu leòr airson dealan a chumail ri 8,000 dachaigh uile gu leir.

Thèid na crainn a thogail aig Gàrradh Bhàgh an Eige.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile