Fireannach marbh às dèidh teine am Barraigh

  • 17 Am Màrt 2017
Poilis

Dhearbh na Poilis gun do chaochail fireannach, 51, às dèidh teine ann am Barraigh.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean-èiginneach mu 06:25m Dihaoine mu theine aig taigh air St Barr's Crescent.

Fhuair luchd-smàlaidh smachd air an teine.

Cha deach an duine a bhàsaich ainmeachadh gu h-oifigeil, ach chaidh fios a chur air a theaghlach.

Cha deach duine eile a ghoirteachadh.

Thuirt na Poilis gun tèid rannsachadh a dhèanamh.