Ceum teagaisg ùr aig SMO

  • 17 Am Màrt 2017
SMO Image copyright John Allan / Geograph

Dh'innis Sabhal Mòr Ostaig gum bi ceum ùr aca le urram do dhaoine a tha airson a bhith nan tidsearan Gàidhlig.

'S ann tro mheadhan na Gàidhlig a bhios an cùrsa, agus gheibh oileanaich teisteanas airson a bhith a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre bhun-sgoile, no a' Ghàidhlig a theagasg mar chuspair aig ìre àrd-sgoile.

Mairidh an cùrsa ceithir bliadhna.

Thuige seo, bha SMO a' tabhainn chùrsa do thidsearan ann an co-bhuinn ri Oilthigh Obar Dheathain.

Dhearbh a' Cholaiste gun d' fhuair an ceum ùr, BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam, dearbhadh bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus barantas bho Chomhairle Choitcheann Luchd-Teagaisg na h-Alba, agus gun tòisich e am-bliadhna.

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Oll. Boyd Robasdan, gur e ceum mòr air adhart a tha seo dhan Cholaiste.

Iomchaidh

"Tha e iomchaidh gum biodh cùrsaichean trèanaidh 'son luchd-teagaisg air an liubhairt le Ionad Nàiseanta na Gàidhlig", thuirt an t-Oll. Robasdan.

"Tha sinn a' faicinn seo mar a' chiad cheum ann a bhith a' cosnadh inbhe dhan Cholaiste mar phrìomh ionad trèanaidh luchd-teagaisg Ghàidhlig agus liugainn gum biodh sreath de dhiofar chùrsaichean trèanaidh air an tabhann an ceann beagan bhliadhnaichean", thuirt e.

Tha oidhirp a' leantainn gus barrachd thidsearan a thrèanadh airson Gàidhlig a theasgasg, is chuir Bòrd na Gàidhlig fàilte air a' chùrsa ùr.

"Tha sinn a' cur meal-a-naidheachd air Sabhal Mòr Ostaig agus iad air dearbhadh is barantas fhaighinn airson a' chùrsa aca", thuirt Stiùiriche Foghlaim a' Bhùird, Mona Wilson.

"Air sàillibh nam buannachdan a gheibhear bho fhoghlam tron Ghàidhlig, tha barrachd is barrachd theaghlaichean ag iarraidh gum faigh an cuid chloinne foghlam dà-chànanach le Gàidhlig is Beurla, agus bheir an ceum seo taic don obair a thathar a' dèanamh gus dèanamh cinnteach gum bi luchd-teagaisg againn aig a bheil misneachd agus na comasan gus frithealadh air an iarrtas a th' ann", thuirt i.

Tòisichidh an cùrsa ùr aig SMO a san t-Sultain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile