Taghadh Choimisein na Croitearachd

  • 17 Am Màrt 2017
Cunntadh nam Bhòtaichean
Image caption Tha cunntadh nam bhòtaichean air tòiseachadh ann an Steòrnabhagh.

Thèid bòrd ùr Choimisein na Croitearachd a thaghadh Dihaoine is bhòtaichean taghadh a' Choimisein gan cunntadh ann an Steòrnabhagh.

'S e seo ach an dàrna turas a tha taghaidhean air a bhith ann airson Choimisean na Croitearachd.

Chaidh a' chiad bhòrd a thaghadh ann an 2012 agus tha an teirm acasan air tighinn gu crìch.

Tha croitearan air bhòtadh gus bòrd ùr a thaghadh, is thèid na bhòtaichean a chunntadh ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh aig 10:00m Dihaoine.

Cha do sheas ach Andy Holt ann an roinn Shealtainn, agus Cyril Annal ann an roinn Arcaibh agus Ghallaibh.

Tha dùil ri farpais làidir anns na ceithir roinnean eile.

'S ann ann an Iar-Dheas na Gàidhealtachd a bhios an fharpais as cruaidhe, is Cailean Ceannadach - Fear-Gairm a' Choimisein anns na bliadhnaichean mu dheireadh - am measg chòignear thagraichean.

'S e Mgr Ceannadach an aon choimiseanar taghte a tha a' seasamh a-rithist, agus às dèidh dha a bhith aig teis-meadhain na connspaid taobh a-staigh a' Choimisein anns na mìosan a chaidh seachad, bidh mòran a' cumail sùil gheur air toradh na bhòta san sgìre sin.

Bidh am fiosrachadh às ùire air BBC Radio nan Gàidheal is air an làraich seo tron là, le làn-chunntas air An Là air BBC ALBA oidhche Haoine aig 7:00f.