Iarrtas ùr mu chlàr-ama Chaolais Bharraigh

  • 16 Am Màrt 2017
MV Loch Àlainn Image copyright CalMac

Chaidh iarraidh air Caledonian Mac a' Bhriuthainn seòladh nas tràithe a stèidheachadh eadar Barraigh is Èirisgeigh.

'S e dòigh a bhiodh seo air leigeil le daoine à Barraigh Beinn na Faoghla a ruighinn mus falbh a' chiad phleana den là a Steòrnabhagh.

Chaidh dragh a thogail mun sin nuair a thàinig e am bàrr gun robh Flybe ag atharrachadh an clàra-ama bhon ath-mhìos.

Falbhaidh a' chiad phleana a-nise aig 0840 sa mhadainn seach 1005, is bidh seirbheis ann 5 là san t-seachdain.

Fàgaidh a' chiad sheòladh eadar Barraigh is Èirisgeidh tro mhìosan an t-Samhraidh, ge-tà, aig 0700, a' ciallachadh nach dèanadh na Barraich a' chùis air a' phleana eadar Beinn na Faoghla is Steòrnabhagh.

Droch bhuaidh

Thuirt cuid ann am Barraigh gun toireadh seo droch bhuaidh orra, is gu h-àraidh air daoine a tha a' dol a Steòrnabhagh air adhbharan slàinte.

Chaidh innse do Chomhairle nan Eilean Siar às dèidh sin nach do shiubhail air seirbheis na maidne eadar Beinn na Faoghla agus Steòrnabhagh an-uiridh ach 59 duine à Barraigh.

Dh'innis am BPA Làbarach Gàidhealach, Rhoda Ghrannd, gu bheil i air a bhith a' conaltradh ri Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, mun chùis.

Thuirt i gun do dhearbh a' Chomhairle gu bheil iad air faighneachd dha CalMac am biodh e comasach dhaibh seirbheis nas tràithe a stèidheachadh eadar Barraigh is Èirisgeidh.

Thuirt a' Bh.Ph Ghrannd gu bheil an gnothach a-nise ann an làmhan ChalMac.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile