Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Toyota

Dh'innis Toyota gu bheil iad a' dol a chosg £240m air an làraich aca ann am Burniston ann an Derbyshire. Thuirt a' chompanaidh chàraichean à Iapan gun tèid an làrach a leasachadh airson a dhèanamh nas fharpaisiche. Tha Riaghaltas Westminster a' dol a chosg £21m air trèanadh, rannsachadh, agus air ceumannan gus an fhactaraidh a dhèanamh nas èifeachdaiche a thaobh na h-àrainneachd.

Am Pàrtaidh Tòraidheach

Thugar càin de £70,000 - an t-suim as àirde riamh - dhan Phàrtaidh Thòraidheach airson a bhith a' briseadh riaghailtean chosgaisean aig àm an Taghaidh Choitchinn ann an 2015. Thuirt Coimisean an Taghaidh gun robh fàiligidhean mòra san dòigh san deach cosgaisean a chlàradh, agus gun robh iad air a' chùis a chur gu Poilis a' Mhet. Tha grunn feachdan mar thà a' rannsachadh chasaidean an deach cus airgid a chosg anns an iomairt.

Holyrood

Thèid am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, mu choinneimh Holyrood aig Àm nan Ceist airson a' chiad uair bho dh'fhoillsich i na planaichean aice airson an dàrna referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba. Tha dùil gun tèid a ceasnachadh mu carson a bha bhòt eile a dhìth, agus mu dè cho coltach 's a bhiodh e gum biodh ballrachd aig Alba neo-eisimeileach anns an EU.

S2S

Cluinnidh Comataidh Athchuingean Pàrlamaid na h-Alba an dragh a th' ann mu phlanaichean ola a ghluasad bho shoitheach gu soitheach ann an Linne Mhoireibh. Tha Ùghdarras Port Linne Chrombaigh a' sireadh cead airson a' phròiseas, a tha iad ag ràdh a tha sàbhailte, a thòiseachadh. Tha luchd-iomairt ag ràdh gum faodadh tubaist àrainneachd mhòr a bhith ann ma bhios luchdan mòra de dh'ola gan gluasad eadar soithichean - rud a dh'fhaodadh cron a dhèanamh air na leumadairean mara san sgìre. Tha an athchuinge ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gu bheil reachdas àrainneachd an sàs gus stad a chur air ola nach eil air a ghiollachd bho bhith a' dol eadar bàtaichean ann an àiteachan a tha cudromach a thaobh na h-àrainneachd, leithid Linne Mhoireibh.

Àdhamh Johnson

Chaill Àdhamh Johnson, a bha roimhe na chluicheadair ball-coise ann an Sasainn an tagradh as ùire aige an aghiadh a dhitidh airson ionnsaigh dhrabasta air nighean, 15. Dhiùlt Cùirt an Ath-Thagraidh a' chùis aige a chluinntinn, agus cha deach atharrachadh a dhèanamh do shia bliadhna a chaidh a chur air. Dh'aidich Johnson gun tug e pòg dhan nighean, ach chaidh e às àicheadh gun do rinn e an còrr.

Stafainn

Chleachd Urras Coimhearsnachd Stafainn reachdas ùr gus tagradh a dhèanamh 'son talamh faisg air Bodach an Stòirr a ghabhail thairis. Chuir a' bhuidheann iarrtas foirmeil a-steach gu Comhairle na Gàidhealtachd airson pìos fearainn ri taobh rathad an A855. Tha an t-Urras airson dà cheud acair a leasachadh, 's iad ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum aig a' phàirt seo den sgìre air goireasan do luchd-turais.