Holyrood gus Bàta gu Bàta a rannsachadh

  • 16 Am Màrt 2017
Image caption Tha iomagain air luchd-iomairt mu thruaileadh.

Dh'aontaich buill aig Holyrood sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba feuch an gabh reachdas glèidhteachais a chleachdadh gus plana ola a ghluasad bho shoitheach gu soitheach ann an Linne Mhoireibh a chasg.

Chuir a' bhuidheann Cromarty Rising athchuinge a dh'ionnsaigh na Pàrlamaid is iad ag ràdh gum faodadh na planaichean cron mòr a dhèanamh air an àrainneachd.

Chuir còrr is 2,000 duine ainm ris an athchuinge.

Bheachdaich Comataidh nan Athchuingean Poblach aig Holyrood air a' chùis Diardaoin.

Air a' cheann thall, thuirt buill na comataidh gun sgrìobh iad gu Riaghaltas na h-Alba.

Casg

Tha iad 'son dearbhadh fhaighinn an gabhadh reachdas glèidhteachais a chleachdadh gus am plana a chasg.

'S e gnothach Westminster a th' ann, is an co-dhùnadh deireannach aig Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA).

Thuirt Greg Fullarton bho Chromarty Rising, ge-tà, gum faodadh Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs.

Thuirt e gum bu chòir an cleachdadh seo a chasg anns a h-uile sgìre de dh'Alba far am faodadh cunnart a bhith ann.

"Tha cumhachdan aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh àrainneachd na dùthcha, tha sin am measg nan dleasdanasan a th' orra", thuirt Mgr Fullarton ris a' chomataidh.

Dìon

"Feumaidh sinn coimhead ris an reachdas a tha rim faighinn dhuinn airson ar àrainneachd a dhìon", thuirt e.

'S e Ùghdarras Caladh Chrombaigh a tha air cùl nam planaichean.

Tha iad ag ràdh gu bheil feum air an obair aca a leasachadh, is gu bheil iad glè mhothachail air cho sònraichte 's a tha an àrainneachd anns a bheil iad ag obair.

Thuirt iad gu bheil dleastanas orra fhèin an àrraineachd sin a dhìon.

Tha cead aig an ùghdarras mar thà ola a ghluasad eadar soithichean a tha ceangailte aig a' chidhe aig làrach Bhàgh an Eige.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile