Soirbheachas 'son Eejits ChalMac

  • 16 Am Màrt 2017
Amadain ChalMac Image copyright RACHEL KEENAN / CalMac

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil iad air an dòigh gun do bhuannaich iomairt sanasachd a bh' aca duais nàiseanta.

Bhuannaich "The Two Eejits" duais aig Duaisean Margaidheachd na Còmhdail ann an Lunnainn.

'S e sreath ghoirid a bh' ann, a rinn The Lane Agency airson ChalMac, a lean dithis òga air tursan air aiseagan ChalMac.

B' e a' chiad iomairt dha leithid aig CalMac a bha ag amas gu sònraichte air daoine òga.

Thuirt a' chompanaidh gun robh fios aca nach còrdadh e ris a h-uile duine, ach gun robh iad dòchasach gum biodh daoine nas òige air an dòigh leis.

Dh'innis CalMac gun robh an t-uabhas de dhaoine a' bruidhinn mun dithis amadan air loidhne, is gun tàinig àrdachadh air àireamhan luchd-siubhail.

Nochd Eilean Bhòid, Eilean Arainn, Comhghall is Glaschu san t-sreath.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile