Deasbad mun t-slighe air adhart do na h-ealain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Deasbad mun t-slighe air adhart do na h-ealain Ghàidhlig

16 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha saoghal nan ealain Ghàidhlig ag atharrachadh.

Bha sin gu math soilleir aig a' cho-labhairt a chum Bòrd na Gàidhlig air a' chùis ann an Inbhir Nis Diciadain.

Chaidh a ràdh nach b' e seann dualchas nan Gàidheal a-mhàin ris am feumar coimhead, ach cuideachd cothrom a thoirt don òigridh nach do thogadh anns a' chultar sin rudan ùra a chruthachadh.

Bha cuideachd deasbad ann air cò a bha a' dol a thoirt ealain Ghàidhlig air adhart bho seo a-mach.