Athchuinge Bàta gu Bàta aig Holyrood

  • 16 Am Màrt 2017
Togail fainais Image copyright Bratach/Flikr

Tha luchd-iomairt a tha a' cur an aghaidh ola a ghluasad bho shoitheach gu soitheach ann an Linne Mhoireibh aig Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin gus na draghan aca a thogail.

Chuir a' bhuidheann Cromarty Rising athchuinge a dh'ionnsaigh na Pàrlamaid is iad ag ràdh gum faodadh na planaichean cron mòr a dhèanamh air an àrainneachd.

Tha iad ag iarraidh air an Riaghaltas dèanamh cinnteach gum bi e mì-laghail ola a ghluasad bho shoitheach gu soitheach ann an àiteachan mar Linne Mhoireibh .

Chuir còrr is 2,000 duine ainm ris an athchuinge.

Beachdaichidh Comataidh nan Athchuingean Poblach air Diardaoin.

Fianais

Thog luchd-iomairt fianais taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba air a' mhìos a chaidh seachad.

Thuirt am Prìomh Mhinistear aig an àm nach eil dearbhadh aig Riaghaltas na h-Alba gu bheil a bhith a' gluasad ola bho bhàta gu bàta ann an Linne Mhoireibh sàbhailte dhan àrainneachd.

'S e Ùghdarras Caladh Chrombaigh a tha air cùl nam planaichean.

Tha iad ag ràdh gu bheil feum air an obair aca a leasachadh, is gu bheil iad glè mhothachail air cho sònraichte 's a tha an àrainneachd anns a bheil iad ag obair.

Thuirt iad gu bheil dleastanas orra fhèin an àrraineachd sin a dhìon.

Tha cead aig an ùghdarras mar thà ola a ghluasad eadar soithichean a tha ceangailte aig a' chidhe aig làrach Bhàgh an Eige.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile