Boireannach air a goirteachadh às dèidh tubaiste

  • 16 Am Màrt 2017

Tha boireannach a' faighinn cobhair san ospadal às dèidh dhi tuiteam le bruthaich faisg air an Òban Diciadain.

Thachair an tubaist goirid ro mheadhan-là.

Rinn luchd-teasairginn às an Òban cobhair air a' bhoireannach às dèidh na tubaiste mu mhìle deas air a' Chill Mhòir.

Bhrist i a cas agus chaidh a ceann is a gualain a ghoirteachadh cuideachd.

Chaidh a toirt gu Ospadal Rìoghail Alexandra ann am Pàislig.

Thuirt na Poilis nach eil am boireannach ann an cunnart a beatha.