Uallach air luchd-ealain dha na h-ealain Ghàidhlig

  • 16 Am Màrt 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Aithris Dhòmhnaill Mhoireasdain air a' cho-labhairt.

Chuala co-labhairt nach e buidhnean oifigeil a bheir na h-ealain Ghàidhlig air adhart, ach daoine cruthachail sna coimhearsnachdan.

Chruinnich feadhainn le ùidh anns na h-ealain ann an Inbhir Nis aig na còmhraidhean a bha Bòrd na Gàidhlig is Alba Chruthachail air a chur air dòigh.

Bha a' cho-labhairt ann beagan sheachdainnean às dèidh dha Prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig, Boyd Robasdan, ro-innleachd ùr iarraidh dha na h-ealain Ghàidhlig.

Thuirt an t-Oll. Robasdan aig an àm gun robh dìth stiùiridh ann bho chaidh Pròiseact nan Ealan à bith aig deireadh 2015.

Chuala a' cho-labhairt, ge-tà, nach eil dùil idir ann buidheann ealain Ghàidhlig ùr a stèidheachadh.

Thuirt Alba Chruthachail gu bheil uallach orrasan taic a thoirt do ealain Ghàidhlig a' cheart cho math ris a' Bheurla, agus gu bheil na h-ealain Ghàidhlig uabhasach cudromach dhaibh.

Thuirt Dàibhidh Boag bho Bhòrd na Gàidhlig gur e co-obrachadh eadar buidhnean mar am Bòrd fhèin, Alba Chruthachail, is Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean a tha a dhìth.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Rosemary Nic a' Bhàird is Dòmhnall Dòmhnallach a' meòrachadh air a' cho-labhairt.

Ach chan urrainn dha buidhnean poblach ealan a chruthachadh, thuirt e.

"Tha e cudromach gum bi iadsan (luchd-ealain) a' cruthachadh chothroman is pìosan-ealain, agus an uairsin a' tighinn air adhart dha na buidhnean airson taic fhaighinn airson sin a chur an gnìomh", thuirt Mgr Boag.

"Cha bhi e a' dèanamh feum sam bith buidhnean poblach sparradh air daoine dè seòrsa ealan a bu chòir a bhith a' tachairt. Feumaidh e tighinn bho dhaoine, feumaidh e tighinn bho choimhearsnachdan.

"Tha buidhnean ann airson taic a chumail riutha airson sin a chur an gnìomh", thuirt e.

Nochd beachd cuideachd nach b' e seann dualchas nan Gàidheal a-mhàin ris am feumaist coimhead san àm ri teachd, ach cuideachd cothrom a thoirt dhan òigridh nach do thogadh anns a' chultar sin rudan ùra a chruthachadh.

Thàinig naidheachd aig a' cho-labhairt cuideachd gu bheil An Lanntair ann an Steòrnabhagh air oifigear ealain fhastadh.

'S i Rachel Cheannadach à Leòdhas, is uallach gu bhith oirre co-obrachadh le buidhnean eile is sùil a thoirt air na h-ealain Ghàidhlig san fharsaingeachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile