Urras an Taobh Sear a' sireadh talmhainn

  • 15 Am Màrt 2017
Bodach an Stòirr Image copyright Urras an Taobh Sear
Image caption Tha Bodach an Stòirr a' tarraing àireimh mhòir de luchd-turais.

Tha Urras an Taobh Sear anns an Eilean Sgitheanach air tagradh oifigeil a chur a-steach airson pìos talmhainn aig Bodach an Stòirr a cheannach bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha an t-Urras a' sireadh pìos talmhainn airson pàirce-chàraichean, taighean-beaga poblach agus bùird-fiosrachaidh.

Tha draghan air nochdadh anns an sgìre mu cho trang 's tha an t-àite le luchd-turais as t-Samhradh, 's cion ghoireasan ann dhaibh.

Tha dùil gun do thadhail 150,000 duine air Bodach an Stòirr ann an 2016 - 60,000 a bharrachd na bh' ann ann an 2014.

Cleachdaidh an t-urras lagh ùr a thug Riaghaltas na h-Alba a-steach anns an Fhaoilleach airson sealbh fhaighinn air an fhearann.

Goireasan

Gabhaidh an raon-parcaidh a th' anns an amharc 100 carbad, le cìs air an fheadhainn a bhios ga cleachdadh.

Tha dùil gun cruthaich na planaichean 1.8 dreuchd làn-ùine.

Tha luach £1,000 anns a' phìos talmhainn a dh'iarr an t-Urras, agus feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd freagairt a chur thuca taobh a-staigh sia mìosan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile