Strì airson chòirichean iasgaich

  • 15 Am Màrt 2017
Iasg
Image caption Tha mì-chinnt ann mun bhuaidh a bhios aig Brexit air obair an iasgaich

Tha ceannardan an iasgaich ann an Alba ag ràdh gum bi fearg orra mura faigh iad cuota cothromach nuair a dh'fhàgas Breatainn an EU.

Bha Comataidh nan Cùisean Dùthchail aig Holyrood a' gabhail fianais Diciadain mun na thachras nuair a thig an dùthaich a-mach à Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich.

Chan eil e soilleir aig an ìre seo am bi aon phoileasaidh ann dhan Rìoghachd Aonaichte gu lèir neo am bi smachd aig Alba air na h-uisgeachan aice fhèin.

Thuirt Ceannard Chaidreachas Iasgairean na h-Alba, Bertie Armstrong, gum feum poileasaidh co-òrdanaichte a bhith ann.

Thuirt e gu bheil cothroman mòra an cois Bhrexit dha gnìomhachas iasgaich na h-Alba agus gum feumar brath a ghabhail orra.

Neo-eisimeileachd na h-Alba?

Chaidh togail cuideachd air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig an dàrna referendum air neo-eisimileachd na h-Alba air a' ghnìomhachas.

Thuirt Ceannard Chomann Àraich Bhradan na h-Alba, Scott Landsburgh, gu bheil margaidh na Rìoghachd Aonaichte "riatanach" dhaibh, agus gum feumar dèanamh cinnteach nach tèid bacaidhean sam bith a chur air.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile