Àrdachadh air màl thogalaichean sgoile

  • 15 Am Màrt 2017

Thig àrdachadh 10% air a' chosgais airson togalach sgoile fhaighinn air màl bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Thèid a' phrìs a chur suas bho thoiseach a' Ghiblein, 's a' Chomhairle a' dèanamh dheth gun tog an t-àrdachadh cha mhòr £30,000 dhaibh.

Bheir an t-àrdachadh buaidh air leithid bhuidhnean carthannais agus buidhnean coimhearsnachd a tha a' cur tachartasan air dòigh ann an togalaichean sgoile air an oidhche 's air an deireadh-sheachdain.

Chaidh an t-àrdachadh aontachadh mar phàirt de chòmhraidhean buidseit na Comhairle.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile