SSE air "clach-mhìle chudromach" a ruighinn

  • 15 Am Màrt 2017
Siem Ruby Image copyright SSE
Image caption Cosgaidh am pròiseact £1.1bn.

Tha a' chompanaidh mhòr dhealain SSE ag ràdh gu bheil iad air clach-mhìle chudromach a ruighinn anns a' phròiseact airson càball ùr a chur fon mhuir eadar Gallaibh agus Moireibh.

Cosgaidh am pròiseact £1.1bn, agus an càball ùr gu bhith a' giùlain chumhachd a thèid a chruthachadh le sgeamaichean cumhachd ath-nuadhachail anns a' cheann a tuath sìos gu deas.

Gabhaidh e suas ri 1,200MW de chumhachd.

Tha soitheach shònraichte, an Siem Ruby, air a bhith a' gluasad chlachan mòra far ghrunnd na mara air an t-slighe a ghabhas an càball.

Thuirt Brian Mitchell bho SSE gur e seo an leasachadh as motha a thèid a dhèanamh air lìonra dealain a' chinn a tuath bho obair nan sgeamaichean haidro anns na 1950an.

Tha dùil gum bi an obair deiseil an ath-bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile