Treòiriche an t-sneachda

  • 15 Am Màrt 2017
Philip Rankin, sa mheadhan Image copyright Snowsport Scotland
Image caption Duais Fad Bhatha o Spòrs Sneachda na h-Alba ga toirt do Philip Rankin, sa mheadhan, an-uiridh.

Thathas a' dèanamh luaidh air fear de threòirichean gnìomhachas an sgìthidh ann an Alba.

B' e Philip Rankin, a th' air bàsachadh na dhachaigh ann am Baile a' Chaolais aois 99, a bha os cionn na h-obrach gus a' chiad shlaodar sgìthidh an Alba a thogail ann an Gleann Comhann sna 1950an.

Chleachd e fhèin, agus luchd-einnsinniridh eile aig a' ghàrradh shoithichean air Chluaidh far an robh e ag obair, cnapan meadailte airson a thogail.

B' e pìleat Spitfire a bh' ann am Mgr Rankin tìde a' chogaidh, agus chaidh am plèana aige a thoirt a-nuas sa Chuan a Tuath ann an 1942, ga leòn.

Bhrosnaich dotair Canaidianach a rinn cobhair air às dèidh sin an ùidh a bh' aige ann an sgìtheadh, ag ràdh gun tigeadh piseach air na bu luaithe ri linn a bhith ri sgìtheadh.

Image copyright Glencoe Mountain

Bha ùidh cho mòr aig Mgr Rankin ann an sgìtheadh 's gun do stèidhich e slighean sgìthidh gu h-àrd air Meall a' Bhuiridh ann an Gleann Comhann.

Tha pàirtean den uidheamachd a thog e o chionn 60 bliadhna fhathast ag obair an-diugh - nam measg an liofta sgìthidh aon-neach as sine san t-saoghal, ma 's fhìor.

Bhàsaich e Didòmhnaich, mu mhìos air thoiseach air dha ceann ceud bliadhna a ruighinn.

Thuirt am fear is leis ionad sgìthidh Glencoe Mountain, Andy Meldrum, gur iongantach dha-rìribh na choilean Mgr Rankin.

"Chan e a-mhàin gun do thog Philip Rankin agus càch a' chaid lioft, 's ann a dh'aithnich iad gu dìreach na h-àiteachan ceart far am biodh sneachda airson sgìtheadh.

"Tha gnìomhachas spòrs sneachda na h-Alba gu mòr an comainn Philip airson an t-seallaidh a bh' aige o chionn 60 bliadhna."

Thachair Mgr Meldrum, a ghabh thairis an t-ionad ann an Gleann Comhann o chionn còrr is seachd bliadhna, ri Mgr Rankin an toiseach aig aois 94.

"Bha e fhathast gu math fut is gnìomhach, 's bha e ag iarraidh coiseachd suas a' bheinn," thuirt Mgr Meldrum.

"An dèidh sin bhiodh e a' tadhal gu math tric air an ionad."

Chaidh slighe sgìthidh ùr an Gleann Comhann, air a bheil Rankin's Return, ainmeachadh mar urram dha Mgr Rankin, agus chaidh fhosgladh na bu thràithe am-bliadhna.

Thug a' bhuidheann Spòrs Sneachda Alba, a bhios a' brosnachadh a' ghnìomhachais, duais fad bheatha dha san t-Samhain an-uiridh.