Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Tha an àireamh dhaoine ann an Alba, agus anns an Rìoghachd Aonaichte san fharsainneachd, a tha gun chosnadh air a dhol sìos. A rèir nam figearan as ùire thuit an àireamh dhaoine ann an Alba nach eil ag obair 16,000 eadar an t-samhain agus am Faoilleach. Bha 129,000 duine gun chosnadh.

Saighdear

Shoirbhich le ath-thagradh saighdear Marine Rìoghail a mharbh neach-sabaid bhon Taliban an Afganastan às dèidh dha losgadh air le gunna. Chaidh mar a chaidh a dhiteadh airson muirt a leigeil seachad. An àite sin cho-dhùin a' chùirt an Sgt.Alexander Blackman, aois 42, a dhiteadh air casaid marbhadh le coire. Thèid e mu choinneimh èisteachd eile faic dè a' bhinn a thèid a thoirt dha.

Brexit

Thuirt Ceann-Suidhe na Comhairle Eòrpaich, Dòmhnall Tusk, gum biodh e dona dhan a h-uile duine nam fàgadh Breatainn an EU gun aonta a bhith air a chur an sàs an toiseach. Tha Theresa May air a ràdh gum biodh e na b' fheàrr fàgail gun aonta idir an àite aonta dona. Thuirt Mgr Tusk gun robh an EU ag ullachadh gu cùramach airson nan còmhraidhean a thòisicheas nuair a thèid Artaigil 50 a chur an sàs.

Neo-eisimeileachd

Tha rannsachadh ùr a' dèanamh dheth gu bheil an taic airson neo-eisimeileachd na h-Alba aig an ìre as àirde riamh. Tha an sgrùdadh air beachdan sòisealta muinntir na h-Alba a' dèanamh a-mach gu bheil 46% a' cur taic ri neo-eisimeileachd, agus gum b' fheàrr le 42% eile fèin-riaghladh. Thuirt 8% nach robh iad ag iarraidh Pàrlamaid Albannaich idir. Thuirt ùghdar na h-aithisg, an t-Oll. Iain Curtice, gu bheil an sgrùdadh cuideachd a' dèanamh a-mach gur e ceangal gu math lag a th' aig daoine ris an Aonadh Eòrpach. Chaidh còrr is 1,200 duine a cheasnachadh eadar an t-Iuchar agus an Dùbhlachd an-uiridh.

Dòmhnall Trump

Chuir an Taigh Geal às leth an lìonra telebhisein MSNBC gun do bhris iad an lagh le bhith a' foillseachadh dà dhuilleig de chunntas cìse Dhòmhnaill Thrump bho 2005. Tha an cunntas a' sealltainn gun do phàigh e $38m ann an cìsean air teachd-a-steach de $150m, sin mu 24%. Tha daoine a tha a' cosnadh airgid mhòir gu math tric a' pàigheadh còrr is 27%.

Gort

Chuir Comataidh nan Tubaistean Èiginneach iomairt air chois airson cobhair a dhèanamh air na milleanan dhaoine a th' ann an cunnart bho ghort air taobh sear Afraga. Tha na buidhnean carthannais a tha nam buill den chomataidh a' dèanamh dheth gu bheil còrr is 16m duine ann an Sudan a Deas, Somàilia, Ceinia agus Etiòpia aig nach eil fios sam bith cuin a bhios biadh aca a-rithist. Tha iad ag ràdh gu bheil 800,000 duine-cloinne a' fulang, le cuid dhiubh ag ithe dhuilleagan, leis nach eil an còrr aca.