Co-labhairt nan Ealan Gàidhlig

  • 15 Am Màrt 2017
Pròiseact nan Ealan
Image caption Chaidh Pròiseact nan Ealan à bith 's iad air am maoineachadh a chall.

Thèid na tha an dàn do na h-ealain Ghàidhlig a dheasbad aig co-labhairt ann an Inbhir Nis Diciadain.

Tha ceist air a bhith mun t-slighe air adhart do na h-ealain, bho chaidh Pròiseact nan Ealan à bith.

'S e Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail a bhios os cionn nan còmhraidhean, le feadhainn a tha an lùib nan ealan Gàidhlig cuideachd gu bhith an làthair gus coimhead ris an t-slighe air adhart.

Tha greis bho chaidh Pròiseact nan Ealan à bith, an dèidh dhan bhuidhinn air an robh dleastanas airson na h-ealain Ghàidhlig am maoineachadh a chall.

A rèir chuid, tha beàrn air a bhith ann bhon uairsin a thaobh co-òrdanachadh nan ealan Ghàidhlig.

Anns a' Phlana ùr Nàiseanta aca a dh'fhoillsich am Bòrd bho chionn trì seachdainnean, tha tòrr mu na h-ealain.

Tha am Plana ag ràdh gun tèid prògram a dhealbh airson seasmhachd a thoirt do na h-ealain.