Urram dha Donaidh Rothach

  • 15 Am Màrt 2017
Donaidh Rothach
Image caption Chaidh Donaidh Rothach aithneachadh airson a chuid obrach ann an saoghail a' chiùil agus nan ealan.

Thèid Donaidh Rothach, a bha na sheinneadair le Runrig agus a tha an-diugh na Stiùiriche airson Leasachaidh, Togail Airgid agus nan Ealan aig Sabhal Mòr Ostaig, ainmeachadh mar bhall urramach de Bhuidhinn Rìoghail nan Ailtirean (an RIAS) an t-seachdain seo.

Thuirt an RIAS gun robh iad airson aithne a thoirt don obair a tha Donaidh Rothach air a dhèanamh a thaobh ciùil, dualchais agus foghlaim.

Thuirt Ceann-suidhe na buidhne, Willie Watt, gu bheil Donaidh Rothach aithnichte mar Albannach cruthachail, a th' air mòran a dhèanamh ann an saoghal a' chiùil agus nan ealan, agus mar fhear-iomairt airson na Gàidhlig.

"Urram"

Thuirt Donaidh Rothach gur e fìor urram a bh' ann dha.

"Tha mi air a bhith air leth fortannach thairis air na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, tro m' obair aig Sabhal Mòr Ostaig, gun robh cothrom agam obrachadh le ailtirean ionmhalta, cruthachail air pròiseactan mòra leirsinneach agus tha mi gu math mothachail den obair a tha iad a' dèanamh a thaobh cultair, eaconamaidh agus àrainneachd ar beatha".

"Tha e na fhìor urram dhomh gu bheil mi gu bhith nam bhall urramach den bhuidhinn".

Tha na sgrìobhadairean Liz Lochhead agus Ian Rankin agus an tè-ciùil Dame Evelyn Glennie am measg an fheadhainn air an deach an t-urram seo a bhuileachadh roimhe.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile