Coinneamh cho-chomhairle anns an Òban

  • 15 Am Màrt 2017
Bòrd na Gàidhlig
Image caption Fhuair muinntir an Òbain cothrom beachd a thoirt air dreach-phlana cànain a' Bhùird Dimàirt.

Cha do nochd ach ceathrar bhon phoball aig coinneimh cho-chomhairleachaidh a chuir Bòrd na Gàidhlig air dòigh anns an Òban Dimàirt, ged a bha riochdairean ann cuideachd bho bhuidhnean poblach.

Tha am Bòrd a' sireadh bheachdan air an dreach-phlana Ghàidhlig ùr aca a dh'fhoillsich iad bho chionn beagan sheachdainnean.

Nochd iarrtas anns a' bhaile bho chionn ghoirid airson sgoil Ghàidhlig, agus thuirt Leasaiche Cànain a' Bhùird, Dàibhidh Boag, gun robh iad-san ag amas air sia sgoiltean Gàidhlig ùra a thogail ann an Alba rè ùine a' phlana.

"Tha cothrom aig pàrantan anns an Òban bruidhinn rinn agus ris a' Chomhairle mu dheidhinn sin - gun teagamh sam bith 's e amas a th' againn sa phlana gum bi barrachd sgoiltean Gàidhlig ann agus tha sinn tuilleadh is deònach bruidhinn ri pàrantan san sgìre seo airson comhairle agus taic a thoirt dhaibh airson sin a thoirt air adhart ann an dòigh a tha freagarrach agus a rèir phròiseasan na Comhairle fhèin."

Leig Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid fhaicinn roimhe nach robh iad am beachd co-chomhairle a chumail air sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh anns a' bhaile, agus mar sin chan eil gealltanas sam bith ann gur e sin fear de na h-àitean far am bi sgoil Ghàidhlig ùr.

"Ma thig sin anns an Òban bhiodh sin fìor mhath, ma thig e gu sgìrean eile bhiodh sin math cuideachd - tha còmhraidhean a dhìth le comhairlean 's tha còmhraidhean a dhìth le pàrantan airson sin a thoirt air adhart ann an dòigh a tha freagarrach airson phàrantan agus nan comhairlean."

"Ach aig a' cheann thall tha sinn ag amas gum bi barrachd sgoiltean Gàidhlig ann an Alba".

Tha a' cho-chomhairle air a' phlana fosgailte chun an 17mh là den Chèitean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile