Blàr El Cheasago

  • 17 Am Màrt 2017
County is Caley Image copyright SNS

Thèid sgiobaidhean na Gàidhealtachd an aghaidh a chèile uair eile ann an Inbhir Nis Disathairne ann an geama a tha fìor chudromach dhan dà thaobh.

'S iomadh geama mòr a chluich na sgiobaidhean bho ghabh iad ceum suas dha Lìog na h-Alba ann an 1994.

Sa chiad seusan sin fhèin, rinn iad eachdraidh còmhla le còrr is 5000 duine a thàladh dha geama san Treas Roinn 'son a' chiad uair.

Ann an 2012/13 bha iad còmhla sa Phrìomh Lìog 'son a' chiad uair, is b'e seusan a bha sin anns an tug County sùil dhubh air na nàbaidhean aca le buaidh 1-0 air an là mu dheireadh den t-seusan a dh'fhàg nach d'fhuair ICT dhan Roinn Eòrpa.

Bha clach-mhìle sa Mhàirt 2016 nuair a choinnich iad ann an Inbhir Pheofharain aig àm nuair a bha Cupa na Lìge aig County is Cupa na h-Alba aig Caley Thistle.

Fodha

Ach chan e cupanan no àiteachan Eòrpach a tha san amharc aig na sgiobaidhean Disathairne, ach fuireach sa Phrìomh Lìog.

Cha robh 2016/17 fàbharach dha County no Caley, is an dà sgioba air ùine a chur seachad air bonn na lìge.

Gu dearbh, 's ann aig grunnd a' phoidhle a tha ICT a' dol a-steach dhan gheama seo.

Tha County trì àiteachan os on cionn, ach chan eil ach 4 puingean eadar na sgiobaidhean.

Mar sin, tha cothrom aig ICT na nàbaidhean aca a shlaodach a-steach dhan bhoglaich aig a' bhonn, is County fhèin ag amas air sreap a-steach gu meadhan na lìge.

Agus tha manaidsear Inbhir Nis, Richie Foran, air blàr a ghealltainn.

"Tha seo air a dhol na dhearbaidh càirdeil anns a' bhliadhna no dhà chaidh seachad", thuirt Foran.

Image copyright SNS

"Feumaidh sin atharrachadh nuair a thèid sinn air a' phàirc Disathairne.

"Tha sinn eòlach air na balaich aca, tha sinn ag òl cofaidh is ag ithe anns an h-aon àiteachan, is tha sin ok, ach air a' phàirc feumaidh sinn a bhith deiseil airson blàr.

"Feumaidh sinn a dhol an sàs annta bhon chiad mhionaid oir tha mi a' smaointinn gun d'fhuair iad làmh an uachdair oirnn a thaobh sin bho chionn ghoirid".

Tha Carl Tremaro is Ross Draper air ais 'son Inbhir Nis às dèidh dhaibh a bhith air an casg.

Dh'fhaodadh gum bi Jake Mulraney fut, ach bidh ICT as aonais Ryan Esson, Josh Meekings, Lewis Horner is Aaron Doran.

Tha grunn thrioblaidean aig County.

Cha chluich Jay McEveley, Pòl Quinn, Ian McShane ,Chris Burke no Tony Dingwall.

Goirteachadh

Tha ceistean ann cuideachd mu Scott Fox is Màrtainn Woods.

Tha beagan deagh naidheachd ann le Anndra Davies is Alex Schalk fut.

Thuirt manaidsear Chounty, Jim Mac an t-Saoir, gu bheil fios aca gum feum iad àrd ìre a ruighinn Disthairne.

"'S e dearbaidh a th' ann is tha na sgiobaidhean faisg san lìog", thuirt Mac an t-Saoir.

"Feumaidh na balaich iad fhèin làmh an uachdair fhaighinn air an fhear a tha nan aghaidh.

"Tha cluicheadairean math aca, ach tha cluicheadairean math againne cuideachd.

"Tha an urra rinne an stoidhle againn a sparradh orra", thuirt e.

Ceistean gu leòr, is dùil ri freagairtean eadar 3 is 5f Disathairne.