Obraichean ùra aig Lifescan

  • 14 Am Màrt 2017
LifeScan Scotland Image copyright Google
Image caption Tha 1,100 duine a' faighinn cosnaidh aig Lifescan ann an Inbhir Nis, a tha a' cruthachadh uidheamachd airson daoine air a bheil tinneas an t-siucair.

Thàinig e am bàrr gum faigh cuid de luchd-obrach a chailleas an cosnaidhean aig Lifescan ann an Inbhir Nis cothrom air obraichean eile sa chompanaidh.

Dh'innis Lifescan san Fhaoilleach gum falbhadh suas ri 80 dreuchd ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd mar phàirt de dh'ath-sgrùdadh.

'S ann leis a' chompanaidh Johnson & Johnson a tha Lifescan, is iadsan a' toirt crathadh air an obair aca air feadh an t-saoghail.

'S e Lifescan a' chompanaidh phrìobhaideach as motha a bhios a' toirt cosnaidh do dhaoine ann an Inbhir Nis.

Tha Lifescan a-nise ag ràdh gun tèid 28 dreuchd ùr is 50 dreuchd eadar-amail a chruthachadh ann an Inbhir Nis mar phàirt de dh'atharrachaidhean eile sa chompanaidh.

Gheibh daoine a chailleas an cosnadh ann an Inbhir Nis a' chiad chothrom air na h-obraichean ùra.

Tuilleadh air an sgeulachd seo