Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Tha coltas ann gu bheil am Prìomhaire a' dol a chur an aghaidh iarrtas Nicola Sturgeon an dàrna referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba a chumail mus tèid aonta a dhèanamh mu a bhith a' tarraing Bhreatainn a-mach às an Aonadh Eòrpach. Thuirt na Tòraidhean ann an Alba gum biodh bhòt eile ron earrach 2019 a' ciallachadh gum biodh daoine a' bhòtadh 's gun fiosrachadh mionaideach aca mu aonta Bhrexit. Ach tha an SNP ag ràdh gum biodh fiosrachadh gu leòr aig daoine airson roghainn a dhèanamh.

Heileacoptar

Chaidh fear dhen cheathrar chriutha a bha air bòrd heileacoptar maor-cladaich Èireannach a chaidh a dhìth ann an uairean beaga na maidne a thogail bhon mhuir. Tha e ann an staid ìosal anns an ospadal. Bha an heileacoptar an sàs ann an iomairt còmhla ri heileacoptar eile cobhair a dhèanamh air duine a bha air bàta-iasgaich. Tha sgiobaidhean teasairginn fhathast a-muigh a' sireadh an triùir eile.

Banca Shasainn

Tha leas-riaghladair Bhanca Shasainn air a dreuchd a leigeil dhith. Chaidh Charlotte Hogg a chàineadh gu mòr le Comataidh Thaghte an Ionmhais. Thuirt iad nach robh a "comas proifeiseanta" aig an ìre a bu chòir airson na h-obrach. Dh'aidich i na bu tràithe gun do bhris i còd giùlain a' bhanca fhèin - còd a bha i fhèin, cuide ri feadhainn eile, air sgrìobhadh. Dh'fhailich oirre innse gun robh a bràthair ag obair dha Banca Bharclays.

Inbhir Nis

Dh'innis na poilis gun do bhàsaich fireannach a bh' ann an tubaist rathaid ann an Inbhir Nis nas tràithe air a' mhìos. Thachair an tubaist air an A82 aig a' chrois-rathaid eadar Sràid Choinnich 's Sràid Thom na h-Iùbhraich air a' 4mh là dhen Mhàrt. Chaochail Anndra Bochanan, aois 46 bliadhna, à Inbhir Nis, ann an Ospadal an Rathaig Mhòir an-dè. Chuirear aithisg gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Dùn Èideann

Thòisich rannsachadh an dèidh do phoilis lorg fhaighinn air corp fireannaich, 73 bliadhna, sa flat aige ann an Dùn Èideann. Chaidh aithris gun robh na nàbaidhean aige ag ràdh gur dòcha gun robh e air a bhith a' laighe ann an sin fad dà mhìos. Chaidh na poilis a ghairm gu Slighe Northfield Diardaoin a chaidh nuair a chaidh dragh a thogail mu dheidhinn. Thuirt na poilis nach robh iad amharasach mun chùis.