Pròiseas dealbhachaidh nas fheàrr a dhìth

  • 14 Am Màrt 2017
Crodh

Bu chòir dha a bhith nas fhasa do chroitearan cead-dealbhachaidh fhaighinn airson taighean a thogail, gu h-àraid airson daoine òga a chumail air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Sin beachd Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing.

Bha gnothaichean dealbhachaidh am measg grunn chuspairean a chaidh a thogail aig co-labhairt Chaidreachas Croitearachd na h-Alba, mar leasachaidhean a tha a dhìth air croitearachd airson na linne seo.

"Feumaidh daoine làrach air a' chroit aca, agus feumaidh iad cead-dealbhachaidh fhaighinn cuideachd airson taigh a thogail," thuirt Mgr Ewing.

Daoine Òga

"Tha mise gu mòr airson gum bi aig bùird dhealbhachaidh ri beachdachadh air suidheachadh sònraichte croitearachd, agus suidheachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, far a bheil sinn air ar cuairteachadh le fearann, ach far a bheil cho beag dheth ri fhaighinn airson taigh a thogail gus an tèid aig daoine air fuireach san sgìre aca fhèin, agus dachaigh a dhèanamh ann," thuirt e.

Am measg chuspairean eile a chaidh a thogail, tha beachd gu bheil feum air poileasaidh fa-leth do chroitearachd, seach àiteachas eile.

"Feumaidh iad coimhead ri croitearachd eadar-dhealaichte, a' seasamh na h-aonar," thuirt Niall MacLeòid, a bha roimhe na chathraiche air a' Chaidreachas.

"A h-uile sgeama fad nam bliadhnaichean, bha LFASS, dè nach robh ann?

"Ach 's e facal an là an-diugh "areas of natural constraint". Uell dè tha sin a' ciallachadh?

"Chanainnsa anns a' chiad àite, 's e an t-sìde. Far a bheil tòrr uisge.

"Ma tha sinn fada bho thaighean-spadaidh, 's rudan mar sin. Tha a h-uile càil a tha sin nar n-aghaidh.

"Dh'fheumadh croitearachd airgead dha croitearachd fhèin. Chan ann air a roinn le rudan eile.

"Poit airgid a bhiodh a' freagairt air croitearachd.

"Feumaidh sinn coimhead ri daoine òga a thoirt a-steach.

"Na bh' ann de dhaoine òga an seo an-diugh. Chòrd sin riumsa uabhasach math.

"Fhuair mi tòrr tlachd a' bruidhinn ri balaich òga, agus 's e an rud a b' fheàrr buileach, a' bruidhinn riutha sa Ghàidhlig.

"Nis, tha sinn ag iarraidh na daoine sin a thighinn air ais dhan Ghàidhealtachd, 's fuireach ann, 's obair a bhith ann dhaibh," thuirt e.

Fearann

'S e trioblaid eile a th' aig mòran dhaoine òga, cothrom fhaighinn air fearann.

"Saoilidh mi gum feum an Riaghaltas coimhead air dòigh air daoine òga fhaighinn a-steach gu croitearachd," thuirt an croitear òg, Somhairle Dòmhnallach.

"Tha gu leòr chroitean anns an dùthaich againn fhèin, far a bheil daoine a' fuireach, ach chan eil iad a' cleachdadh nan croitean.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil feum aig 's dòcha an Riaghaltas coimhead air sin 's dòigh fhaighinn a bhith a' cuideachadh dhaoine òga faighinn air an àite sin a chleachdadh.

"Tha cus de rudan nas duilghe - a' phrìs a tha sinn a' pàigheadh airson a h-uile dad, tha sin na b' àirde, 's tha cuideachd, chan eil a' mhargaid againn fad an t-siubhail, ach dhà no trì turas anns a' bhliadhna, so tha e nas duilghe. Feumaidh sinn 's dòcha beathaichean a chur air falbh gu àiteachan air Tìr-Mòr, 's tha barrachd cosgais an sin cuideachd," thuirt e.

Tha atharrachaidhean air fàire, agus dùil ri Bile ùr Croitearachd ro dheireadh na Pàrlamaid seo.

"Tha sinn a' coimhead ri ath-leasachadh a thoirt air lagh na croitearachd," thuirt Mgr Ewing.

"Tha dà shlighe ann, dha-rìribh: 's e tè dhiubh, nàdar de "sgleat glan" a bhith ann. Tha cuid ag ràdh gur e creutar linne eile a bh' anns a' Chomataidh Bhaile, 's gum feumar a leasachadh a chùm an là an-diugh.

"Agus 's e tè eile an lagh ath-leasachadh, a' cleachdadh an rud ris an canar an "sump". 'S e sin mu 150 atharrachadh a tha a h-uile duine ag aontachadh a tha a dhìth.

"Saoilidh mi gum feum làn-deasbad a bhith ann - chan ann an Dùn Èideann leam fhèin agus seirbheisich chatharra - ach am measg nan coimhearsnachdan croitearachd fhèin, mu dheidhinn na tha sinn ag iarraidh air croitearachd anns an là a th' ann, dè an t-àite a th' aig croitearachd an-diugh?"