Aire a' Bhùird "air coimhearsnachdan"

  • 14 Am Màrt 2017
Leòdhas

Thuirt ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona Nic'illInnein, gu bheil iad ag amas air taic a thoirt do choimhearsnachdan traidiseanta na Gàidhlig leithid anns na h-Eileanan an Iar.

Bha Ms Nic'illInnein a' bruidhinn an dèidh mar a thuirt Iain Caimbeul bhon bhuidhinn rannsachaidh Soillse gu bheil a' Ghàidhlig sna h-Eileanan an Iar ann an suidheachadh "cugallach agus cunnartach".

Thuirt i gu bheil e cudromach gum bi teaghlaichean a' cleachdadh agus a' brosnachadh na Gàidhlig san dachaigh agus sa choimhearsnchd, agus thog i gu sònraichte air cho cudromach 's a tha eaconamaidhean ionadail ann a bhith a' cur dìon air a' Ghàidhlig.

"Tha sinn mothachail gu h-àraid on chunntas-sluaigh mu dheireadh dè tha a' tachairt a thaobh na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar, agus tha sinn ag aithneachadh cho cudromach 's a tha na coimhearsnachdan an sin, oir sin far a bheil na ceudadan as àirde, far a bheil daoine a' bruidhinn na Gàidhlig," thuirt Ms Nic'illInnein.

Eaconamaidh

"Anns an dreach-Phlana Nàiseanta a chaidh fhoillseachadh dìreach o chionn beagan seachdainnean, tha sinn ag ràdh gu bheil trì rudan ann a tha gu math cudromach: gu bheil sinn a' togail ìomhaigh na Gàidhlig; gu bheil barrachd dhaoine ag ionnsachadh na Gàidhlig; agus cuideachd an rud, chanainnsa as cudromaiche, gu bheil daoine a' cleachdadh na Gàidhlig.

"So mar sin anns an treas Plana Nàiseanta 's e an rud air a bheil sinn ag amas, gum bi plana sònraichte ann airson choimhearsnachdan far a bheil daoine ga bruidhinn.

"Agus tha sinn mothachail gu bheil ceanglaichean ann eadar - chan ann dìreach mu dheidhinn ciamar a tha cleachdadh na cànain - ach gu bheil sin a' crochadh air a bheil dreuchdan ann? A bheil taighean ann? A bheil dòighean siubhail ann? A bheil ceanglaichean ris a' bhann-leathann ann? Sin a bharrachd air dìreach coimhead air a' chànain.

"So mar sin tha sinn uile ag aithneachadh an t-suidheachaidh anns na h-Eileanan an Iar, agus tha sinn a' faicinn gu bheil cothroman ann, a bhith a' neartachadh na Gàidhlig, agus aig an aon àm a' neartachadh na h-eaconamaidh sin.

Teaghlaichean

"Tha gealltanas anns an dreach-phlana gu bheil sinn a' dèanamh co-obrachaidh le Fearann Coimhearsnachd na h-Alba gus dreuchdan a thogail far a bheil daoine a' cleachdadh na Gàidhlig agus a' neartachadh dòigh-cleachdaidh na Gàidhlig.

"Tha mi a' smaoineachadh, ma tha thu a' fuireach ann an coimhearsnachd, far a bheil thu a' cluinntinn Gàidhlig gu tric, 's dòcha gu bheil e nas doirbhe a bhith mothachail air an t-suidheachadh air feadh nan Eileanan, no air feadh Alba.

"Ach tha tòrr dhaoine a' dèanamh oidhirpean a thaobh na Gàidhlig tha mi a' smaoineachadh, agus fiù 's gu bheil Soillse a' cumail choinneamhan, agus tha sinn an làn-dòchas gum bi daoine a' tighinn dha na coinneamhan sin, airson beachdachadh air a' Ghàidhlig, agus tha sinn air a bhith a' bruidhinn ri Soillse mu dheidhinn sin.

"'S e an rud eile a tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh, gum bi sinn a' brosnachadh barrachd theaghlaichean a bhith ga cleachdadh taobh a-staigh nan dachannan aca.

"Oir tha sinn a' faicinn cho cudromach 's a tha e airson na cloinne gum bi iad a' togail na Gàidhlig - tha e fada nas fhasa dhaibh ma tha iad a' togail na Gàidhlig aig an taigh.

"Agus mar sin tha sinn cuideachd a' coimhead air ciamar a bhios sinn a' cur barrachd taic ri teaghlaichean gus Gàidhlig a chleachdadh anns an taigh aca, agus sna coimhearsnachdan aca," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo