Leasachaidhean aig Dùn Robain

  • 14 Am Màrt 2017
Caisteal Dhùn Robain Image copyright Michael Garlick / Geograph

Tha leasachaidhean ùra san amharc aig Caisteal Dhùn Robain is an àireamh de dhaoine tha a' tadhal air a' sìor fhàs.

Bha 2016 soirbheachail dha-rìribh airson a' chaisteil ann an Cataibh is na mìltean a bharrachd de dhaoine a' tadhal air.

Thathas a' smaointinn gu bheil turas rathaid an NC 500 air feum mòr a dhèanamh is daoine a bharrachd a thàladh dhan sgìre san fharsaingeachd.

Tha an t-slìghe a' stiùireadh dhràibhearan air feadh chosta tuath na h-Alba.

Tha an fheadhainn leis a bheil Caisteal Dhùn Robain a-nise 'son na goireasan a th' aca a leudachadh mu choinneimh seo.

Dh'iarr iad cead bho Chomhairle na Gàidhealtachd 'son mìle àite-pàircaidh a bharrachd a chruthachadh.

Tha iad cuideachd a' sireadh chead taighean beaga ùra a thogail am broinn a' chaisteil.

Fhuaireadh cead mar-thà togalaichean eile aig an làraich a leasachadh mar thaigh-staile far an tèid uisge-beatha is gin a dhèanamh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile