Fireannach marbh às dèidh tubaiste Inbhir Nis

  • 14 Am Màrt 2017

Dh'innis na Poilis gun do chaochail fireannach a bh' ann an tubaist-rathaid ann an Inbhir Nis na bu thràithe air a' mhìos.

Thachair an tubaist air an A82 aig a' chrois-rathaid eadar Sràid Choinnich is Sràid Thom na h-Iùbhraich mu 6:15f Disathairne an 4mh là den Mhàrt.

'B ann eadar Seat Altea dubh is fear-coiseachd a bha an tubaist.

Dhearbh na Poilis gun do chaochail am fear-coiseachd ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir Diluain.

B' e Anndra Bochanan, 46, às Inbhir Nis.

Chaidh aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.