Còmhraidhean gan sireadh mu AMEC

  • 14 Am Màrt 2017
Tuath-gaoithe

Thuirt Urras Steòrnabhaigh gu bheil iad ag iarraidh chòmhraidhean cho luath 's a ghabhas leis a' chompanaidh Wood Group mu na tha an dàn dha AMEC Foster Wheeler.

Chaidh gabhail ri tairgse de chòrr is £2.2bn bho Wood Group airson AMEC Foster Wheeler a cheannach.

Thèid companaidh ùr luach mu £5bn a chruthachadh.

Tha ceistean aig Urras Steòrnabhaigh ge-tà, mu na bhios seo a' ciallachadh dhaibhsan.

Tha AMEC ann an com-pàirteachas leis an Urras agus a' chompanaidh EDF airson tuath-gaoithe mhòr a thogail an iar air Steòrnabhagh.

'S e an aon phròiseact de a leithid a bha air fhàgail aig AMEC is iad air an fheadhainn eile a bh' aca a chur bhuapa.

Buannachd

"Am beagan fiosrachaidh a tha air a thighinn a-mach, tha e a' coimhead gu bheil, chan e a-mhàin an gnìomhachas ach a' mhargaid a' faicinn seo mar rud a tha gu bhith na bhuannachd, a rèir nan earranann mar a tha iad air a dhol an-àirde", thuirt siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair.

"Bidh an t-Urras ag iarraidh coinneimh gu math luath a dh'fhaicinn dè bha air cùl seo is a' dèanamh cinnteach, tha mi an dòchas, gum bi iad a cheart cho taiceil agus gun cum iad air an t-slighe a tha sinn air a bhith.

"As bith dè cho mòr 's a bhios a' chompanaidh, chan urrainn dha duine a shùilean a thoirt bho cho mòr 's a tha am pròiseact aig AMEC anns na h-Eileanan an Iar.

"Mar sin dheth, bidh sinn an dòchas gum bi iad a' faicinn gur e rud a th' ann a bhiodh na bhuannachd dhan chompanaidh", thuirt e.

Thuirt Mgr MacÌomhair cuideachd gur dòcha gum bi cothroman eile ann eòlas Wood Group a chur gu feum, is gur dòcha gur e dòigh a tha seo obair a chur a Ghàrradh Àirnis.