Fireannach a dhìth an Earra-Ghàidheal

  • 14 Am Màrt 2017
Joachim Brolly Image copyright Poileas Alba

Rinn na Poilis tagradh ùr airson fiosrachaidh mu fhireannach a tha a dhìth ann an Earra-Ghàidheal.

Chunnacas Joachim Brolly mu dheireadh mu 3:00f Diardaoin is e a' faighinn a-steach a bhàta iomraidh faisg air Ostail Bhàgh an Torrain aig ceann a deas Loch Obha.

'S ann le Mgr Brolly, 59, a tha an ostail.

Chaidh am bàta a lorg ach cha robh sgeul air Mgr Brolly.

Tha poilis - sgioba dàibhidh nam measg - luchd-smàlaidh is maoir-chladaich air a bhith an lùib na h-iomairt.

Thuirt na Poilis gu bheil Mgr Brolly geal, 5′6", agus gruag ghoirid liath air.

Nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh bha briogais, geansaidh is seacaid ghorm air.

Bu chòirdo dhuine sam bith le fiosrachadh fònadh dha na Poilis ann an Ceann Loch Gilb.