Tubaist ann an Caol a' Ghearasdain

  • 13 Am Màrt 2017

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh do chàr Audi A4 agus càr poilis bualadh na chèile ann an Caol a' Ghearasdain Là na Sàbaid.

Chaidh an càr Audi na theine às dèidh na tubaiste.

Bhuail an dà charbad na chèile mu 10:15f air Rathad Ghleann Nibheis, agus theich dràibhear an Audi agus an duine a bh' anns a' chàr còmhla ris.

Tha e air tighinn am bàrr gun deach an càr a ghoid goirid ron tubaist.

Chaidh an dàrna duine a bh' anns a' chàr a chur an grèim, ach tha na Poilis fhathast airson bruidhinn ris an dràibhear.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh a thighinn a bhruidhinn riutha.