Iomagain air croitearan mu Bhrexit

  • 13 Am Màrt 2017
Caoraich
Image caption Tha ceist air croitearan mu shubsadaidhean agus prìsean air taobh a-muigh an EU.

Chuala co-labhairt bhliadhnail Chaidreachas Croitearachd na h-Alba mun dragh a th' air croitearan mun bhuaidh a bheir Breatainn a bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich air a' ghnìomhachas.

Bha a' bhuidheann a' coinneachadh air a' Chomraich aig deireadh na seachdain, 's chuala iad Disathairne bho Mhinistear Brexit Riaghaltas na h-Alba, Mìcheal Ruiseal.

Thuirt esan gu bheil mì-chinnt ann mun ìre thaic a bhios ann do chroitearan air taobh a-muigh an EU.

Tha ceist ann cuideachd, thuirt e, an ann ann an Alba a thèid co-dhùnaidhean mu thaic àiteachais a dhèanamh, neo ann an Lunnainn.

Subsadaidhean

Thuirt Pàdraig Moireasdan, a tha na chroitear ann an Griomasaigh, gur e ceist an airgid as motha a tha a' dèanamh dragh dha.

"Rud a chuir uallach bu mhotha orm 's e cò às a bhios taic a' tighinn ... tha Lunnainn a' toirt tòrr den obair-riaghlaidh a thaobh ghnothaichean Brexit agus chan eil mi den bheachd gu bheil an t-uabhas fhèin tuigse neo mothachaidh aca-san air mar a tha beatha do chroitearan".

Thog Cathraiche a' Chaidreachais, Russell Mac a' Ghobhainn, dragh mun bhuaidh a bhios aig Breatainn a' cur cùl ris an Aonadh Eòrpach air prìsean uan agus laogh, agus e ag ràdh gum feum teachd-a-steach chroitearan a bhith air a dhìon.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile