Airgead a bharrachd do sgeama taic nan taighean croite
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Airgead a bharrachd do sgeama taic nan taighean croite

13 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chuir Riaghaltas na h-Alba £600,000 a bharrachd ri sgeama taic nan taighean croite.

Thuirt Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing gu robh seo a' ciallachadh gu robh £2m a-nis sa phoit airson na h-ath bhliadhna ionmhais.

A' bruidhinn aig co-labhairt bhliadhnail Caidreachas Croitearachd na h-Alba air a' Chomraich thuirt Mgr Ewing gu robh ath-sgrùdadh ga dhèanamh air na riaghailtean a thaobh cò a tha airidh air an taic airgid.