Treas bun-sgoil Ghàidhlig an Glaschu

  • 13 Am Màrt 2017
Glaschu Image copyright Iain Thompson/Geograph

Tòisichidh Comhairle Baile Ghlaschu co-chomhairle fhoirmeil air an treas sgoil Ghàidhlig dhan bhaile às dèidh saor-làithean na Càisge, agus iarrtas mòr ann airson àiteachan ann am foghlam tro mheadhan a' chànain sa bhaile.

Chaidh iarrtasan airson àiteachan anns an dà sgoil a th' ann suas gu mòr an-uiridh, agus tha dùil gum bi a' cheart uiread de dh'fhèill air foghlam Gàidhlig am-bliadhna.

Cuideachd, thèid innse do bhuill na Comhairle Diardaoin gum feum àiteachan àrd-sgoile fàs aig an aon astar ri àiteachan aig ìre na bun-sgoile.

"'S e deagh naidheachd a tha seo, agus tha e math a-rithist fhaicinn gu bheil na h-àireamhan a' dol suas, thuirt Oifigear Gàidhlig Chomhairle Bhaile Ghlaschu, DK Mac a' Phì.

"Tha fhios aig a h-uile duine dè a tha a' tachairt ann an Glaschu, tha mi a' smaointinn a-niste, gu bheil na daoine a' tighinn a-steach dha na sgoiltean againn, agus tha iad a' dèanamh glè mhath cuideachd.

"Tha iad a' dèanamh glè mhath, chanainn, airson a' chànain anns a' bhaile.

"Tha mi a' creidsinn gur ann air taobh a deas a' bhaile a dh'fheumas sinn a bhith a' coimhead a-niste, tha mi a' smaointinn.

"Tha Bun-Sgoil Ghleann Dail cheana ann an sin, agus a' dol gu math.

"A-rithist cuideachd air Sràid Bherkeley, tha an sgoil a th' againn gu math mòr a-niste, agus tha mi gu math cinnteach, an treasamh sgoil, far am bi i, bidh i an aon rud," thuirt e.