Pàirce Nàiseanta is Oilthigh còmhla

  • 13 Am Màrt 2017
Drochaid Àirigh Gharthainn, Bràigh Mhàrr Image copyright UHI/CNPA

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI) agus Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air aonta a shoidhneadh gus obrachadh còmhla.

Tha na buidhnean air a ràdh gu bheil am meòrachan de thuigse ùr air càirdeas fada air chruthachadh.

Thuirt an dà bhuidhinn gu bheil iad air obrachadh còmhla roimhe air leithid coilltearachd, cleachdadh talmhainn agus cur-seachadan air a' bhlàr a-muigh.

Chuir prionsapal an oilthigh, an t-Oll. Clive Mulholland agus àrd-oifigear na Pàirce Nàiseanta, Grant Moir, an ainmean ris an aonta.

Tha crìochan na pàirce nàiseanta a' gabhail a-steach phàirtean den Gàidhealtachd, an ear-thuath, agus Siorrachd Pheairt.

Goireas Ionnsachaidh

Thuirt an t-Oll. Mulholland: "Tha sinn air bhioran airson an càirdeas againn le Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta a chur air bun-stèidh fhoirmeil agus a leudachadh.

"Tha cliù eadar-nàiseanta aig a' Phàirce Nàiseanta mar cheann-ùidhe do luchd-turais agus airson glèidhteachais, agus tha tòrr cheanglaichean eadar ar n-amasan, speiseileachdan agus ar dùbhlain.

"Tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla gus cothroman nan daoine a tha a' fuireach, ag obair agus a' tadhal sa Phàirce Nàiseanta, air Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan a mheudachadh."

Thuirt Mgr Moir: "Tha tòrr cheanglaichean eadar a' Phàirce Nàiseanta agus an oilthigh agus tha sinn a' dèanamh fiughair ris an càirdeas againn a bhrosnachadh san dòigh seo.

"Tha ceangal aig tòrr den rannsachadh a bhios an oilthigh a' dèanamh ris na dùbhlain a tha romhainn an seo sa Mhonadh Ruadh agus, cuideachd tha a' Phàirce Nàiseanta na ghoireas ionnsachaidh air leth do dh'oileannaich an oilthigh."