Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bile Bhrexit

Tha reachdas a bheireadh cead do Theresa May tòiseachadh gu foirmeil air còmhraidhean Brexit a' dol dhan deuchainn mu dheireadh anns a' Phàrlamaid an-diugh. Tha ministearan den bheachd gun diùlt Taigh nan Cumantan an dà atharrachadh a thug na Morairean air a' bhile. Bidh bhòt anns na Cumantan, agus an dèidh sin anns na Morairean feasgar.

Nicola Sturgeon

Agus bidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a' bruidhinn air Brexit an ceann beagan agus leth-uair de thìde, 's fathannan ann gu bheil i a' gluasad nas fhaisge air an dàrna referendum a ghairm air neo-eisimeileachd do dh'Alba mura gabh Theresa May ris na cùmhnantan a tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh mus tòisich am pròiseas foirmeil airson Brexit.

Vodafone

Thuirt Vodafone gun cruthaich iad 2,000 cosnadh air feadh Bhreatainn, agus 300 dhiubh sin ann an Alba. Tha iad a' leudachadh ionadan seirbheis do luchd-cleachdaidh le 100 cosnadh ùr ann an Glaschu. Bidh 200 obair eile aig ionadan air taobh siar na h-Alba, agus làrach "web help" ann an Cille Mheàrnaig nam measg.

Stailc Rèile

Tha buill aonaidh an RMT aig trì de na companaidhean rèile ann an Sasainn air stailc an-diugh a-rithist 's iad a' gearain mu phlana fo am biodh na dràibhearan, seach gàrd, a' fosgladh agus a' dùnadh nan dorsan air na trèanaichean. Tha an stailc a' toirt buaidh air seirbheisean Southern Rail, Northern Rail, agus Mersey Rail.

A' Ghàidhlig sna h-Eileanan an Iar

Tha a' Ghàidhlig anns na h-Eileanan an Iar ann an suidheachadh cugallach agus cunnartach a rèir mhanaidseir a' phròiseict rannsachaidh Soillse. Thuirt Iain Caimbeul, gu bheil esan den bheachd ma tha cumhachd airson na Gàidhlig gu bhith an àiteigin eile, agus mura bheil ùidh aig a' choimhearsnachd innte, gu bheil a' Ghàidhlig a' dol a bhàsachadh. Tha a' bhuidheann a' cumail sreath choinneamhan sna h-Eileanan a dh'fhaighinn beachd na coimhearsnachd air staid na Gàidhlig 's dè bu chòir a dhèanamh airson a neartachadh. Tha a' chiad thè de na conneamhan sin ann a-nochd, ann an Ionad Coimhearsnachd Scalpaigh, aig 7:00f.

Treas Sgoil Ghàidhlig

Tòisichidh Comhairle Baile Ghlaschu air co-chomhairle fhoirmeil air an treas sgoil Ghàidhlig anns a' bhaile an dèidh saor-làithean na Càisge. Chaidh iarrtas airson àite san dà sgoil a th' ann suas gu mòr an-uiridh, agus tha dùil ri sin a-rithist am-bliadhna. Agus thèid innse do bhuill na Comhairle Diardaoin gum feum àiteachan anns an àrd-sgoil cumail ris an leudachadh aig ìre na bun-sgoile.

Ar n-Eileanan Ri Teachd

Thuirt ceannardan nan trì comhairlean Eileanach a tha an sàs ann an iomairt Ar n-Eileanan Ri Teachd, gun lean sin an dèidh nan taghaidhean comhairle sa Chèitean. Tha na ceannardan ag ràdh gu bheil an iomairt air a bhith soirbheachail a' togail ìomhaigh nan eilean, agus a' tarraing aire dha na trioblaidean a th' aig Arcaibh, Sealtainn, agus na h-Eileanan an Iar, ach gu bheil obair mhòr romhpa fhathast.