Gàidhlig sna h-Eileanan "cugallach is ann an cunnart"

  • 13 Am Màrt 2017
A' Ghàidhlig

Tha a' Ghàidhlig sna h-Eileanan an Iar ann an suidheachadh "cugallach agus cunnartach", a rèir Iain Chaimbeul, manaidsear a' phròiseict rannsachaidh, Soillse, aig Sabhal Mòr Ostaig.

Tha a' bhuidheann a' cumail sreath choinneamhan anns na h-Eileanan a dh'fhaighinn beachd na coimhearsnachd air staid na Gàidhlig sna sgìrean aca agus dè bu chòir a dhèanamh 'son a neartachadh.

Tha Iain Caimbeul den bheachd ma tha cumhachd na Gàidhlig ann an àiteigin eile, agus mura h-eil ùidh aig a' choimhearsnchd sa chànan, gu bheil a' Ghàidhlig a' dol a bhàsachadh.

"Tha sgioba rannsachaidh Soillse air a bhith a' dèanamh rannsachaidh mhionaidich air suidheachadh na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar thairis air na sia no seachd mìosan a th' air a dhol seachad," thuirt Mgr Caimbeul.

Ceistean

"Tha sinn a-niste airson crìoch a chur air an rannsachadh sin le coinneamhan poblach thairis air an sgìre air fad, agus cothrom a thoirt do dhaoine san sgìre na beachdan aca fhèin a thoirt seachad is dè tha iad fhèin a' faicinn 's a' smaoineachadh mu shuidheachadh na Gàidhlig aig an àm seo, agus gu dearbha a bheil beachdan aca airson gnothaichean a neartachadh san àm ri teachd.

"Aig deireadh an là 's e a' choimhearsnachd fhèin a tha a' dol a chumail na Gàidhlig beò.

"Tha sreath de cheistean againn ceangailte ri beachdan bhon choimhearsnachd air suidheachadh na Gàidhlig mar a tha an-dràsta.

"A bheil daoine pròiseil, gu dearbha, às an dualchas, agus a bheil a' Ghàidhlig air a cleachdadh ann an dòigh àbhaistich ann an sgìrean thairis air na h-Eileanan an Iar air fad?

"Tha an uair sin ceistean againn ceangailte ri poileasaidh. Dè an t-eòlas agus tuigse a th' aig daoine air poileasaidh co-cheangailte ri leasachadh na Gàidhlig? A bheil iad fhèin nam pàirt dheth sin no nach eil?

"Tha dreach-Phlana Cànain ùr a' tighinn a-mach a dh'aithghearr, agus bhiodh e math na beachdan acasan fhaighinn a-mach, is dè an suidheachadh a th' acasan, dè an ceangal a th' acasan ris a' phlana chànain a tha sin? Agus cò aige, gu dearbha, a tha cumhachd a thaobh suidheachadh na Gàidhlig?

"A bheil an cumhachd anns na bailtean mòra, ann an Dùn Èideann? Agus a bheil cumhachd idir aig na coimhearsnachdan Gàidhlig gnothaichean atharrachadh agus a neartachadh.

"So tha ceistean cianail fhèin bunaiteach agus cudromach ri fhaighneachd, agus tha na freagairtean aig a' choimhearsnachd fhèin, agus chan ann aig daoine ma dh'fhaoidte ann an àiteachan nas cofhurtaile air Tìr-Mòr.

"Bidh sinn an dòchas gun tig daoine a-mach anns a' chiad dol-a-mach dha na coinneamhan.

"Tha sinne fosgailte ri beachdan sam bith a chluinntinn agus a chleachdadh anns an aithisg rannsachaidh a tha seo, o chionn, mar a bha mi ag ràdh, aig deireadh an là, bha còir an cumhachd a bhith aig a' choimhearsnachd fhèin airson a' Ghàidhlig a chumail beò agus fallain anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

"'S i a' cheist eile a th' ann, a bheil a' choimhearsnachd airson sin a dhèanamh?

Cumhachd

"Thig eisimpleirean a-mach às an rannsachadh a tha seo tha mi cinnteach a bhios feumail do dh'àiteachan eile cuideachd.

"Ach tha e cianail fhèin cudromach gum bi a' Ghàidhlig beò is fallain anns na h-Eileanan an Iar, o chionn, 's e suidheachadh gu tur eadar-dhealaichte a bhios ann mura bi sin ann.

"Tha sinn ann an suidheachadh caran cugallach is cunnartach an-dràsta tha mi a' smaoineachadh, o chionn tha na h-àireamhan a' sìor thuiteam - gu h-àraidh le daoine a tha fileanta anns na h-Eileanan, agus feumaidh cothromachadh tighinn air sin, agus feumaidh sin a bhith air a neartachadh.

"Tha sin a' bualadh air dè seòrsa poileasaidhean a th' ann, agus cuideachd, càite a bheil, gu dearbha, an cumhachd a tha seo.

"Tha an cumhachd cianail fhèin cudromach anns an t-suidheachadh air fad, o chionn, ma tha an cumhachd ann an àiteachan eile, agus mura bheil ùidh mhòr sam bith aig coimhearsnachdan air a' Ghàidhlig a chumail beò agus a thoirt do ghinealaichean ùra, tha i a' dol a bhàsachadh. Chan eil sian nas cinntiche na sin," thuirt e.

Bidh na coinneamhan anns na h-àiteachan a leanas:

Diluain 13mh Màrt, Ionad Coimhearsnachd Scalpaigh aig 7:00f.

Dimàirt 14mh Màrt, Talla Coimhearsnachd Èirisgeigh aig 7:00f.

Diciadain 15mh Màrt, Ceann na h-Àirigh an Griomasaigh aig 7:00f.

Diardaoin 16mh Màrt, Ionad Cothrom an Ormacleit aig 7:00f.

Bidh tuilleadh choinneamhan ann an Uibhist is Barraigh an ceann cola-deug agus ann an Leòdhas 's na Hearadh air an ath-mhìos.