Leanaidh iomairt eileanach

  • 13 Am Màrt 2017
Ar n-Eileanan Ri Teachd

Leanaidh an iomairt Ar n-Eileanan Ri Teachd às dèidh nan taghaidhean Comhairle sa Chèitean.

Sin a rèir cheannardan nan trì Comhairlean a tha an sàs anns an iomairt.

Tha iad ag ràdh gu bheil an iomairt, a thòisich bho chionn ceithir bliadhna, air feum a dhèanamh, ach gu bheil obair ri dhèanamh fhathast.

Thàinig Comhairlean Shealtainn, Arcaibh, is nan Eilean Siar còmhla ann an 2013 is iad airson iomairt a chur air bhog gus barrachd chumhachdan fhaighinn dha na h-ùghdarrasan ionadail eileanach.

Ceithear bliadhna às dèidh sin, le taghaidhean comhairle san amharc, tha na ceannardan fa-leth ag ràdh gu bheil an iomairt air adhartas a dhèanamh.

A rèir cheannard Chomhairle Arcaibh, Steven Heddle, 's e obair chruaidh a tha air a bhith ann, ach thuirt e gu bheil toradh na h-obrach sin ri fhaicinn leis an Riaghaltas air dreuchd ùr a chruthachadh - Ministear nan Eilean - agus leis gu bheil Aonta Eileanach air fàire.