Seile aig a' mhullach

  • 13 Am Màrt 2017
Caman is Ball

Tha Ceann Loch Seile leotha fhèin aig mullach na Prìomh Lìge às dèidh na dàrna seachdain de sheusan na h-iomain.

Thòisich Seile le brag sa Chlachan Aillseach Disathairne is iad air thoiseach 3-0 an aghaidh Lòbhait is beagan is leth uair de thìde air a' chleoc.

Thàinig na tadhail à Cè MacRath, Iain MacRath is Jordan Friseal, ged a bha na h-uimhir de chonnspaid ann mun dàrna tadhal is Lòbhat den bheachd nach robh còir aige cunntadh.

Fhuair Graeme Mac a' Mhaolain tadhal air ais dha Lòbhat às dèidh 57 mionaid, ach diogan às dèidh sin chuir Cè MacRath an dàrna tadhal aige fhèin den là gus a' bheàrn fhosgladh gu trì a-rithist.

Bàrr

Fhreagair Greg MacMhathain le tadhal eile ach chrìochnaich an geama 4-2 is Seile le ceithir puingean às an dà gheama aca.

Tha sin air am fàgail aig a' mhullach is Baile Ùr an t-Slèibh air puing a leigeil seachad ann an Druim na Drochaid.

Chuir Daniel Mac an Tòisich Gleann Urchadain air thoiseach tràth sa gheama, is chum iad an uairsin ceann a' mhaide ris a' Bhaile Ùr tron gheama.

Mu dheireadh thall fhuair sgioba Bhàideanach an tadhal a bha iad a' sireadh is Tormod Caimbeul leis às dèidh 70 mionaid is b' ann mar sin a chrìochnaich cùisean, 1-1, is na puingean air an roinn.

'S ann glè ainneamh a tha am Baile Ùr air dad a leigeil seachad san lìog anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, is bheir an geama seo na h-uimhir de mhisneachd dha na sgiobaidhean eile.

Droinneadh

Bha fìor dheagh là aig Camanachd an Òbain is iad air droinneadh 7-0 a thoirt air Loch Abar, Anndra MacCuthais is Connor Howe le chèile le dà thadhal.

Cha robh tadhail idir sa gheama eile eadar Ceann a' Ghiuthsaich is Cill Mhàillidh.

B' ann mar sin a bha e cuideachd sa gheama san Lìog Nàiseanta eadar Cabair Fèidh is Camanachd an Eilein Sgitheanaich, is na h-Eileanaich 's dòcha riaraichte le puing air là nach robh an sgioba as làidire aca air a' phàirc.

'S iad an Gearasdan a tha air mullach na Lìge Nàiseanta is iad air soirbheachadh 3-2 an aghaidh Shrath Ghlais.

Tha Camanachd Leòdhais fhathast gun phuing ann an Lìog Tuath 2, tadhail bho Neil Hope (2) is Lewis Mac a' Ghobhainn a' fàgail gun do shoirbhich le Both Fhleisginn 3-0 ann am Fàrr.

Thèid na Leòdhasaich a Chill Tharaglain an ath-sheachdain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile