Corp boireannaich air a lorg ann an Diùranais

  • 13 Am Màrt 2017
An taigh air a losgadh Image copyright JASPERIMAGE
Image caption Chaidh an taigh na theine an t-seachdain a chaidh.

Fhuaireas corp boireannaich ann an taigh a chaidh na theine ann an Diùranais ann an Dùthaich MhicAoidh an t-seachdain a chaidh.

Chaidh fios a chur air na Poilis mun teine aig taigh ann an Saingea Mòr mu 02:00m Diluain.

Tha am boireannach a bha a' fuireach anns an taigh, Edith Allan, 65, air a bhith a dhìth bhon uair sin.

Chan fhaigheadh na seirbheisean èiginn air a dhol a-steach dhan taigh gus an deach a dhèanamh sàbhailte.

Dhearbh iad gun deach corp a lorg, agus gun deach fios a chur gu teaghlach Edith Allan, ged nach deach dearbhadh fhathast gur i a bh' ann.

Thuirt na Poilis gum bi iad fhèin agus an t-seirbheis smàlaidh a' rannsachadh na dh'adhbhraich an teine, ach nach eil coltas ann gun robh càil amharasach mu dheidhinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo