Muinntir Shlèite a' toirt fianais do Bhuidhinn-sgrùdaidh na h-Alba

  • 13 Am Màrt 2017
MV Coir' Uisg'
Image caption Tha muinntir Shlèite air a bhith ag iomairt airson an MV Coir' Uisg' fhaighinn air ais

Thug riochdairean coimhearsnachd à ceann a deas an Eilein Sgitheanaich fianais seachad do Bhuidhinn-sgrùdaidh na h-Alba a tha a' rannsachadh sheirbheisean aiseig.

Tha Fòram Còmhdhail Shlèite air a bhith a' gearain mun dòigh anns an deach an t-aiseag a bha a' frithealadh na slighe, an MV Coir' Uisg' a thoirt air falbh, 's iad ag ràdh nach robh na soithichean a chaidh a chur na h-àite idir freagarrach.

Tha dragh orra gun do rinn mar a chaidh seòlaidhean a chur dheth, agus mì-chinnt mun chlàr-ama, cron air an eaconamaidh ionadail.

Dhearbh CalMac roimhe nach biodh an MV Coir' Uisg' a' tilleadh chun na seirbheis am-bliadhna nas motha, le dà shoitheach eile - an MV Loch Fyne agus an MV Lord of the Isles - a' dol na h-àite.

"Leasachadh"

Thuirt CalMac gu bheil obair-leasachaidh ga dèanamh air an Loch Fyne - airson a dèanamh freagarrach airson na slighe.

Tha Ruaraidh Moireach bho Fhòram Còmhdhail Shlèite ag ràdh ge-tà, nach b' e sin a chaidh a ràdh riutha an-uiridh.

"Thuirt iad rinn an-uiridh nach robh i freagarrach air dhòigh sam bith airson na slighe seo - am-bliadhna tha iad ag ràdh gu bheil i freagarrach 's gu bheil iad a' dol ga cleachdadh".

"Chuala sinn aig a' choinneimh an-diugh bho eòlaichean mara nach eil i freagarrach air dhòigh sam bith agus gum faod sinn a bhith a' coimhead ri trioblaidean gu leòr leis a' bhàta sin fhad 's a bhios i air an t-slighe as t-Samhradh".

Thuirt CalMac ge-tà, gum bi e comasach do bharrachd charbadan an t-slighe a chleachdadh am-bliadhna, seach nuair a bha an Coir' Uisg' air an t-slighe.

Tha iad misneachail, thuirt iad, nach bi a' mhì-chinnt mun chlàr-ama a bh' ann an-uiridh ann am-bliadhna idir.

Subsadaidhean

Tha a' Bhuidheann-Sgrùdaidh a' dèanamh rannsachaidh an-dràsta air slighean aiseig a tha a' faighinn subsadaidh bho Chòmhdhail na h-Alba.

Thèid an aithisg aca a chur air beulaibh Chomataidh an Sgrùdaidh Phoblaich aig Riaghaltas na h-Alba anns an Damhair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile