Iomairt airson casg-astair 40m.s.u. an Àrnol

  • 11 Am Màrt 2017
Meatar-astair
Image caption Tha dragh ann gum faodadh cuideigin bàsachadh air sgàth an astair aig am bi cuid de chàraichean a' dol.

Tha muinntir Àrnoil air taobh siar Leòdhais ag iomairt airson casg-astair 40 mìle san uair a chur air a' phrìomh rathad tron bhaile 's dragh orra mun astar aig am bi cuid de chàraichean a' dol.

Faodaidh càraichean siubhal aig 60m.s.u. air an earrann seo den A858, agus leis gu bheil an rathad fada agus dìreach, bidh cuid a' dèanamh astair tòrr nas motha na sin.

Chuir còrr air 100 duine an ainmean ri athchuinge ag iarraidh an casg-astair a lùghdachadh.

Tha Iain Aonghas MacAoidh, a tha a' fuireach ann an Àrnol, ag ràdh gur e cunnart a th' ann an dà chuid dha muinntir an àite agus cuideachd do luchd-turais.

"Thathas a' tarraing dhaoine chun nan Eileanan le baidhseagalan, 's tha a' Chomhairle còmhla ri buidhnean eile a' cruthachadh rathad bhaidhseagalan bho Bharraigh gu toin Nis 's tha an t-uabhas bhaidhseagalan air an rathad ann an seo as t-Samhradh, luchd-turais, 's tha dragh oirrn mu na daoine sin cuideachd, an aon dòigh 's a tha mu dheidhinn muinntir na sgìre fhèin".

Iarrtas ron Chomhairle

Cha do ghabh Comhairle nan Eilean Siar ris an iarrtas seo roimhe leis nach robh dearbhadh ann, bho na trì bliadhna mu dheireadh ris an robh iad a' coimhead, gun robh casg-astair de 40m.s.u. a dhìth air adhbharan sàbhailteachd, a thaobh na bh' air a bhith ann de thubaistean.

Tha fear de chomhairlichean na sgìre, Ali MacIllinnein, ag ràdh gur e suidheachadh a th' ann a tha a' dèanamh dragh do mhuinntir an àite.

"Chan eil mi air a bhith nam chomhairliche ach an-àirde ri dà bhliadna agus 's e seo aon de na ciad rudan a thàinig daoine thugam leis".

Tha athchuinge eile a' dol airson casg-astair 30m.s.u. a chur air rathad a-staigh baile Àrnoil agus tha dòchas aca gun soirbhich leotha leis an iomairt nuair a thèid an t-iarrtas ron Chomhairle aon uair eile san Ògmhios.